Bha daoine mothachail air cho umhaileach sa dh'fhaodadh crodh a bhith. Mar bu trice gheibheadh an duine ris an robh a' bhò cleachdte am bainne gu fialaidh bhuaipe. Ach nan deigheadh duine as ùr thuice, dh'fhaodadh i a bhith umhaileach agus an uairsin cha bhiodh i airson am bainne a leagail.
Bhiodh na banchaigean tric a' seinn nuair a bhiodh iad a' bleoghainn airson an crodh a shocrachadh. Bhiodh an neach a bha a' dol a bhleoghainn cuideachd a' bruidhinn ris a' chrodh, ag rà dh an ainm, ga slìobadh, gan clapan agus gan cnèadachadh.

Anns a' chumantas, tha e coltach gur ann gu taobh deas na bà , a' sealltainn rithe bho deireadh, a dheigheadh an duine a bha a' dol ga bleoghainn agus thòisicheadh e no i leis an t-sine toisich air an taobh dheas. Bhiodh daoine glè thric a' bleoghainn leis an dà là imh.
Bha e air a rà dh mun chrodh dubh gu robh iad nà imhdeil dha chèile agus cuideachd gu robh iad doirbh am bleoghainn. Cha b' e nach leagadh iad am bainne, ach gu robh an cladhan a bha anns an t-sine tòrr nas caoile na bha e ann an crodh eile.
An dèidh an crodh dubh thà inig crodh Ayrshire agus 's e na Padaidhean a bha aig cuid orra. Bha an aon bhuachailleachd a dhìth orra oir bha iad mòran na bu mhotha agus na bu thruime na an crodh dubh, agus le sin bha iad buailteach a dhol am bogadh ann an à itichean tais.
'S e muidhe a chanadh muinntir nan Loch, Leòdhas ri biota no cuinneag. Chante crannag no crannachan ris ann an à itichean eile.
Bha Coinneach Dòmhnallach, Ceann a' Bhà igh, Steòrnabhagh, a' moladh buntà ta air an robh Champions. Bha e ag rà dh gu robh iad cruinn, geal, le blas sònraichte orra agus le sùilean domhainn air gach taobh dhiubh, agus dh'fhà sadh iad math ann an talamh gainmhich. Chaidh iad far na margaidh chionns nach ceannaicheadh na cailleachan iad as a' bhùth, oir bha iad doirbh an rùsgadh le na bh' annta de shùilean.
Bha Dòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach às an Òban ag innse mu bheathach beag glas a lorgadh tu uaireannan ann an tuill ann am buntà ta ùr. Bha e ag rà dh gu robh na bodaich a' dèanamh dheth nach b' e am beathach beag seo a bha a' dèanamh nan toll idir, ach gur ann a bha e a' gabhail fasgadh ann an toll a bha beathach eile air a dhèanamh. Chanadh na bodaich nuair a thogadh iad buntà ta as am faiceadh iad na tuill sin "Tha an torranach againn!"
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.