Bha an t-each a' faighinn urram agus à ite sònraichte anns na bailtean, mar a dh'innis Seoras MacLeòid, Dail Mòr, Leòdhas, do dh'Iain MacIlleathain.
³§±ðò°ù²¹²õ: Bha an t-each os cionn an còrr dhen stoc. Ged a bhiodh dìth air caoraich no air crodh, cha robh iad airson dìth a bhith air an each idir. An t-each am beathach mu dheireadh air a' feumadh dìth a bhith. Bha tòrr taobh aca ris an each.
Iain: Nuair a bhite a' taghadh each, dè, cò ris a bha iad a' coimhead? An e each trom, each mòr, dè a bha cunntadh?
³§±ðò°ù²¹²õ: Well, bha 'd a' lorg airson gur e each là idir a bhiodh ann a rèir a mheud. Agus bha iad a' cumail a-mach gur e fear goirid, stocach, gur e a bu treasa na fear fada as an druim is e rudeigin seang, can. Broilleach tiugh air.
Iain: Seadh.
³§±ðò°ù²¹²õ: Toiseach là idir.
Iain: 'S e. An e là ir no à igeach a-nise a b'fheà rr leotha?
³§±ðò°ù²¹²õ: Cha do dh'fhidir mi a-riamh gu robh dad a dhiofar leotha. Chanadh feadhainn riut gu robh each na bu treasa, 's tha mi a' creids' gu robh. Bhiodh e nà darrach gum biodh cuideachd.
Ach, o bhalaich, bha là ir mhath, cha robh cà il a toileach agamsa oirre.
'S e là ir a bh' againn ann an aon dhe na h-eich a bh' againn. Agus bha i glè mhath agus bha i glè dhìcheallach. Tha feadhainn aca nas inntinneil airson obair na feadhainn eile. Feadhainn aca a tha rudeigin rag, mar gum biodh. Cha chaomh leotha e. Agus nì iad rudeigin a shealltainn air a sin dhut uaireannan.
Iain: Ach beathach tuigseach, beathach tha ciallach a bh' as an each?
³§±ðò°ù²¹²õ: 'S e, 's e beathach ciallach a bh' ann. 'S bha dìreach, mar a h-uile beathach 's mar a h-uile duine, bha feadhainn na bu tuigsich na feadhainn eile.
Bha feadhainn aca a bha cho toinisgeil 's nuair a chuireadh tu orra an à irneis ann a' shin airson a dhol dhan a' chairt, cha robh cà il agad ach èigheach orra 's thigeadh e fhèin timcheall.
'S na sèinichean a bha sin sìos, buailean a bhiodh againn orra. Bha 'd a' slaodadh ris a' chairt. 'S ann air a' sin, bha i a' lorg sin gu faigheadh i an t-sèine, tè air gach taobh dhith. Bha fhios aice an uairsin gu robh i as an à ite cheart. Bheireadh i ceum air ais no air adhart airson nuair a bha thu a' leigeil sìos a' chairt bha fhios aice air, airson do chuideachadh.
Iain: Ach an robh dòigh sam bith aca air ceannsail a chumail orra?
³§±ðò°ù²¹²õ: Bha, dòigh sònraichte air, bha, bha. 'S e beileag an t-ainm a bh' aca air a' rud a bha seo. Cnag na do là imh agus toll as a' cheann aige, agus dul ròpa agus bhathar a' cur sin man bheileag aige, man bheileag à rd, agus ga sgriubhaigeadh gum biodh e cho tight. Bhiodh, mar gum biodh, bà lla dhan a' bheileag an darna taobh dhen ròpa 's an t-each air an taobh eile. Sheadh.
Agus bha cumhachd eagallach agad airson a là imhseachadh. Feumaidh e bhith gan goirteachadh 's bho dheigheadh sin annta, aon car beag a bharrachd 's bha thu gan goirteachadh tòrr, 's cha ghluaiseadh iad. Bhiodh an aire air a' sin fhèin.
Iain: Às dèidh dhaibh a bhith ag obair latha, bhiodh na h-eich, 's ann a' dol air an druim a bhiodh iad?
³§±ðò°ù²¹²õ: 'S ann. 'S ann. Faonagraich a chanadh iad ri sin, ann a' sheo co-dhiù. 'S ann, mar a bhiodh iad ag rà dh rinne, 's ann a' crathadh an sgìths dhiubh a bha iad.
Ciamar a bha siud ga chur, ach bha iad an còmhnaidh, an còmhnaidh, nuair a leigeas tu às iad, às dèidh latha obair.
Agus 's ann a' feuchainn, 's ann an aghaidh a' leothaid an còmhnaidh a bha iad a' feuchainn ris a' char a chuir. Agus bhiodh uaireannan nach dèanadh iad e 's dh'fheuchadh iad crowd thurais. Ach shaoileadh tu nuair a dhèanadh iad e gu robh iad na bu riaraichte.
Iain: Suas a' leathad?
³§±ðò°ù²¹²õ: Sheadh. Bha.
Iain: Bha sibh ag innse dhomh dìreach mus do thoisich sinn a' clà radh seo, tha, là ir a bh' agaibh pèin, gu robh i cho ciallach agus gun toireadh i a' mhòine sìos air an uidheam a bh' agaibh.
³§±ðò°ù²¹²õ: Bha, air an t-sledge.
Iain: Seadh.
³§±ðò°ù²¹²õ: Bucas air, dìreach sledge ach gu robh cliathaichean oirre airson gun gabhadh i na h-uiread de mhòine. Bha, 's bha crowd dhaoine againn ann an uairsin as an dachaigh.
'S bhiodh feadhainn shìos is suas, feadhainn aig a' rathad far an robh a' chruach, feadhainn aig an rathad agus feadhainn eile aig a' pholl-mònach shuas.
Nise, bha à ite ann far nach fhaiceadh an fheadhainn a bha shìos no shuas i, ach bha i sìos is suas leis a' bhucas a bha seo, cho dòigheil 's a thogradh tu.
'S leanadh i, bha lùbaidhean ann, eil fhios agad, mu bruthaichean 's rudan. Cha robh e còmhnard mar sin idir, an t-slighe. Leanadh i, ghabhadh i cuairt mu na còrnairean cho grinn 's ged a bhiodh grèim agam ga stiùireadh. Bhathar ga stiùireadh an toiseach ann.
Iain: Bha, bha, ach às dèidh sin?
³§±ðò°ù²¹²õ: Às dèidh sin, leanadh i fhèin a' rathad cho math ri math.
Iain: Dè seòrsa aois a bhiodh iad, a Sheòrais? Tha, dè cho fad 's nam beatha can a bhiodh iad gan obair?
³§±ðò°ù²¹²õ: Ach well, bhithinn-sa a' cluinntinn, cha robh iad againn chun a' sin, gin aca, suas ri fichead bliadhna gu robh iad a'... Ach bho dheigheadh e còig bliadhna deug gu fichead gu robh iad a' fà illigeadh, gu robh iad seachad, a' chuid a b'fheà rr dhem beatha a thaobh neart is rudan mar sin.
Ach bha gu leòr aca a bha ag obair as dèidh fichead bliadhna agus suas, beathach no dhà a bha suas gu deich bliadhna fichead. Ach na bliadhnaichean mu dheireadh, 's e beagan air do shocair.
Iain: 'S e.
³§±ðò°ù²¹²õ: 'S e a bha 'd comasach air a dhèanamh.
Iain: Dè mu dheidhinn nam biodh duine a' dol ro luath le each a' dèanamh an t-slighe ro sgiobalta?
³§±ðò°ù²¹²õ: O well, seadh. Abair gun tugadh, gu h-à raidh an t-each iasaid. Agus e eagallach aithghearr.
"Cha robh a shrathair air fear eile!" chanadh iad. O seadh, sin mar a chanadh iad e.
"O cha robh a shrathair air fear eile!"
Cha b' e a h-uile fear a bha dol cho luath ris a-rèiste. Agus facal eile a bh' aca, "Cha b' e a leitheadh às a bhonnan e!"
Iain: Seadh.
³§±ðò°ù²¹²õ: Bha sin a-nise mar gum biodh na casan aige blà th gu leòr à s dèidh dol cho luath 's a bha e. Bha sin a' minigeadh gun dèanadh e an t-slighe gu math aithghearr. 'S e. Bhiodh na facail sin aca ma tha.
Bha thu ag iarraidh a-nise each a shealladh a bhonnan dhut nuair a bha e a' coiseachd. 'S e coisiche math a bhiodh ann.
Iain: 'S e. Bhiodh e èasgaidh air a chasan.
³§±ðò°ù²¹²õ: Bhiodh. Agus bha na casan deiridh, e bhith farsaing as na casan deiridh, gun a dhà chas deiridh a bhith faisg air as an aon toll.
Iain: 'S e.
³§±ðò°ù²¹²õ: Seadh.
Iain: 'S bhiodh sin ga fhà gail na bu shuidhichte.
³§±ðò°ù²¹²õ: Bhiodh, bhiodh. 'S dh'fhuireadh e air uachdar ann an à ite bog na b'fheà rr. Agus fear a mhaoladh a chluasan, ma bha e dona gu maoladh a chluasan, 's e sin nuair a chuireas an t-each a chluasan gu chùl mar siud, 's ann a' maoidheadh ort a tha e.
Iain: Seadh.
³§±ðò°ù²¹²õ: 'S ann. O 's ann gu dearbha. Faic thusa iad a' dol a shabaid iad fhèin, an dà rna fear ris an fhear eile airson eagal a chuir air fear eile, tha e a' cur a chluasan gu chùl. Tha. 'S bhiodh e a' dol a-steach dhan a'... airson a dhol a shabaid a chèile.
Iain: Dè mar a bhiodh iad a' sabaid?
³§±ðò°ù²¹²õ: Bidh lem beul is le... sheasadh iad air an casan deiridh an coinneamh a chèile agus bhiodh iad ag obrachadh am beul airson... o bhìdeadh iad a chèile. 'S an uairsin bhiodh an duine eile, thionndaidheadh iad an tòin aithghearr agus breab mhòr, na dhà . Cha b' e aon idir. O bha 'd a' tilgeil na dhà . Bha. Bhiodh e gu math gort cuideachd.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.