
Bha Mairead Mhoireasdan, Steòrnabhagh, ag rà dh gur dòcha gu robh daoine a' smaoineachadh gur e nathraichean a bha iad a' faicinn nuair is e easgannan a bh' ann. Chunnaic i fhèin fear ann an abhainn Chliastail, mu dha mhìle à Barabhas. Bha i ag rà dh gu robh e cho dìreach fhèin sgreamhail 's gun leig i sgreuch. Chuir e eagal a beatha oirre. B' e beathach fìor ghrà nda a bh' ann, thuirt i, agus cha leigeadh i a' chlann faisg air an abhainn air a shà illibh.
Fhuair Fionnlagh MacLeòid fios bho Dhòmhnall Moireasdan, Barabhas agus an t-Òban, ag innse mar a chunnaic e, is e air an à irigh air Loch nan Leac, air mòinteach Bharabhais, nathair dà throigh a dh'fhaid 's i striopach. Cha robh teagamh sam bith aige nach b' e adder a bh' ann.
Bha Fionnlagh a' leughadh leabhar air a sgrìobhadh mu Leòdhas le fear aig an robh Scealascro aig deireadh an naoitheamh linn deug agus bha e ag innse gu faca iad grunn nathraichean (a' ciallachadh adders) agus gun mharbh iad dhà . A rèir an leabhair, bhiodh luchd an à ite a' gleidheadh cinn nan nathraichean air eagal 's gum biodh duine air a bhìdeadh le nathair.
Bha Mòr NicLeòid ag innse do dh'Iain MacIlleathain mu fhear de na geamairean a bha aig Clann 'Ic Mhathain aig Caisteal Steòrnabhaigh. Cha robh iomradh ro mhath air a' gheamair seo.
Aon latha a bhathas a' là imhseachadh tè de na slowworms, tha e coltach gun rug e oirre, 's gun tug e dheth a bhonaid, 's gun chuir e na bhonaid i, 's gun chuir e a bhonaid air ais air a cheann.
Às dèidh là imh bha a h-uile duine ag rà dh mu dheidhinn "Cha dèanadh a' rìbhinn fhèin cà il air!"
'S e rìbhinn facal eile airson nathair, agus chante NicÌomhair rithe cuideachd.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.