Dh'innis Fionnlagh gu robh e cumanta barrachd air aon chonstabal a bhith ann am baile, cuid air an taghadh leis an t-sluagh agus cuid air an taghadh leis an uachdaran, a rèir cunntas a chaidh a thoirt dha Commission Napier (1883-84). Dh'fhaodadh dà chonstabal a bhith ann am baile agus lean an t-ainm nuair a chaidh comataidhean baile a chuir air chois. Canar constabal ann an cuid a dh'à iteachan ri ball dhen chomataidh sin air a bheil clà rc cuideachd.

As dèidh Achd na Croitearachd bha Iain a' smaoineachadh gu robh an constabal air a thaghadh leis a' bhaile agus bha e a' gabhail os là imh na gnothaichean a tha clà rc a' bhaile a' gabhail os là imh an-diugh.
Bha Tormod MacLeòid, an t-Òb, Na Hearadh, ag rà dh gur e maor-fearainn a bh' aca air constabal, mas e an aon rud a bh' ann, agus gur e gille-mirein a' bhà illidh a bh' ann, agus gur e am bà illidh gille-mirein an uachdarain. Cha ghabhadh e bhith gur e daoine an à ite fhèin a bha gan taghadh chionns gu robh iad cho fìor dhona, a' dèanamh mar a thuirt e "an obair shalach gu lèir."
Nuair a bhite a' reic fearann bhiodh an duine a bha reic a' toirt pìos talamh, ploc no ceap, dhan an duine a bha a' ceannachd, a' daingneachadh mar gum biodh, gu robh e a' ceannachd an fhearainn agus gur ann leis a bha e a-nis. B' e am ploc no an ceap seo am fà d-seilbh.
Thà inig fios às Na Hearadh gur e darach a bhite a' cleachdadh airson a' rèim, leamhan airson na spògan, ach gur e feà rna a bhite a' cleachdadh airson a' chìoch. B' e an t-adhbhar airson sin gu robh an darach cho trom air a bhith a' sgoltadh ach nach robh a' feà rna. Bha e math agus cruaidh agus sheasadh e obair gu leòr. Cleachdadh a thà inig às an t-Srath Ghlais a bha seo.
Bhite a' cur as leth nan each gum biodh iad a' faicinn rudan 's gu robh an dà shealladh aca tòrr na bu là idire na bha aig an duine. Saoil an e sin bu choireach nach robh iad ag iarraidh ìomhaigh an eich am broinn an taighe?
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.