Ann an Uibhist a Tuath chante deasgainn ri bainne binid a bhathas a' cumail ann a' stamag laoigh. Bha Dòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach ag rà dh gur e an deasgainn a chante ris a' phà irt sin de mhionach a' laoigh as am bite ga chuir agus gur ann à sin a thà inig an t-ainm seo airson rennet.

Bha e ag rà dh gum biodh iad a' cur an deasgainn seo dhan a' bhainne agus gum biodh am bainne an uairsin a' tionndadh agus gur e slaman a bhiodh agad an uairsin.
Bhite ag ithe an t-slamain, mar a thuirt Dòmhnall Eà irdsidh, "dìreach mar gum b' e milk pudding a bh' ann," le uachdar no bà rr na chois.
Bha Dòmhnall Eà irdsidh cuideachd ag rà dh gur e pinnteachadh a chanadh iad ri obair a' ghruth 's a' chaise, agus gur iongantach mur e an aon fhreumh a bha aig pinnteachadh agus binid.
Bhathas tric a' toirt meug dha na cearcan ri òl agus a rèir coltais, an Uibhist a Tuath co-dhiù, bha iad fìor mhiannach air.

B' e seo ainmean airson soitheach beag, coltach ri baraille beag. 'S e cùbairean a bhiodh gan dèanamh agus tric sin a' soitheach mu am biodh iad a' cur imideal.
Bha an cuman coltach ri peile beag fiodh.
Bha buidhean no buidheag na bu mhotha na cuman ach air a dhèanamh de chraiceann caorach air a thiormachadh. Bhiodh dà là mh air, air an dèanamh le bhith a' gearradh tuill ann, ann an dà à ite, anns an cuireadh tu do là mhan, fear air gach taobh.
Bhiodh na banchagan, nuair a bhiodh iad a' tighinn dhachaigh bho bhith a' bleoghann air an à irigh, no an à ite air falbh bhon dachaigh, a' ceangal a' bhuidhean no a' bhuidheag air an druim leis a' bhuaraich agus, aig an aon à m 's a bhiodh iad a' coiseachd dhachaigh, bhiodh iad ag obair le cuigeal.
Fios bho Dhòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach, Uibhist a Tuath
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.