
Bha an toll a dhèanadh an torranach cho grinn agus gun canadh tu gur e toll le torra a bh' ann, sin toll a chaidh a dhèanamh le torra.
Tha eisimpleir eile den fhacal nì, a' ciallachadh crodh, ri lorg anns an òran a tha a' tòiseachadh:
A dh'aindeoin agus nach robh An Iuthar a' còrdadh ri daoine, bha tòrr fà is agus toradh na chois.
Ma bha rudeigin agad ri dhèanamh 's tu a' faireachdainn rudeigin leisg mu dheidhinn ach fhios agad gu feumadh tu a dhèanamh, chanadh tu "Is fheà rr dhomh aghaidh a bhuinn a chur air a' bhathais".
Chante seo nam biodh tu ann a' suidheachadh à raidh agus roghainn agad dè a bha thu a' dol a dhèanamh. Chante riut "Tha an dà chrann air do bhois," a' ciallachadh gu feumadh tu d' inntinn fhèin a dhèanamh suas oir bha an roghainn agad.
Bho Nan NicLeòid, An Rubha, Leòdhas
Air cho math is a tha duine, 's beag a tha dh'fhios agad dè a dh'fhaodadh tachairt a bheireadh ort a chà ineadh. Tha an seanfhacal seo coltach ri fear eile - "Na mol an latha math gu feasgar".
Bho D.R. Moireasdan, Scalpaigh
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.