'S ann ri obair a' choirce a bha Raghnall Macleòid à Dùn Chà rlabhaigh, Leòdhas, nuair a chaidh Flòraidh NicIlleathain a choimhead air.
Raghnall: Feumaidh tu an coirce a chuir air dòigh agus a leagadh air dòigh is gun gabh e ceangal furasta. A' sìol a bhith a' dol aon taobh. Leis an fheur chan eil e gu diofar fhad 's a tha e air a ghearradh. Ach leis a' choirce feumaidh tu gus am bi an sìol air aon ceann dhan a'...'s e bad a bhios aig feadhainn air agus 's e sguab a bhios aig feadhainn eile air.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Dè bhios agaibh pèin air?
Raghnall: Bad.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Bad. Glè mhath ma tha.
Raghnall: 'S e, bad coirce.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Nise, tha sibh air rud dhe seo a ghearradh an-drà sta dhen choirce tha sin.
Agus tha mi ga fhaicinn na shìneadh ann a' shin. Dè an ath rud a dh'fheumas sibh a dhèanamh ris? An gearradh sibh a' phà irce air fad mus dèanadh sibh cà il?
Raghnall: Ghearradh. Ghearradh tu e gu lèir nam biodh latha math ann, 's dh'fhà gadh tu e aon latha. Ach faodaidh tu a cheangal as a' bhad. Bhithist uaireannan, bhiodh aon duine a' gearradh agus dithis a' ceangal às a dhèidh. 'S chumadh aon duine an dithis a bhiodh a' ceangal 's a' dèanamh nam badan, chumadh e a' dol iad fad latha.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Tha mi cinnteach gur e sin an dòigh a b'fheà rr, dìreach a ghearradh 's a cheangal.
Raghnall: 'S e. A ghearradh 's a cheangal. Well, bha e seachad agad!
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: 'S dè mu dheidhinn an aimsir? Dè seòrsa aimsir a dh'fheumadh sibh airson an obair a bha seo?
Raghnall: Well...
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Chan e latha mar an-diugh an e?
Raghnall: Cha b' e. 'S e latha math a b'fheà rr, ach nam biodh gaoth ann dh'fheumadh tu bhith, a' ghaoth a bhith na do chùlaibh nuair a bhiodh tu a' buain a' choirce agus bha sin ga dhèanamh na b' fhasa dhut. Cha robh math dhut a bhith feuchainn ri ghearradh an aghaidh na gaoithe idir. Dheidheadh e troimh-a-chèile.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Tha rud eile a' cur iongnadh orm, ge-tà , nuair a tha sinn a' bruidhinn air a bhith a' gearradh an fheòir agus a' gearradh coirce 's mar sin, fhios agad gu feum e a bhith tioram mus faigh thu an còrr a dhèanamh ris. Ma tha sibhse ga ghearradh, a' gearradh a' choirce sin, agus a' ceangal aig an aon à m, a bheil e gu bhith tioram gu leòr airson sin?
Raghnall: Mur a ceangal thu e ro theann, tiormaichidh e, ged a bhiodh an coirce fhèin rudeigin fliuch nuair a cheangaileadh tu e. Can gu robh frasan ann, frasan uisge, tiormaichidh e nuair a, a-rithist tha thu ga chuir na sheasamh, eil fhios agad, a' cur dusan bad ri taobh a chèile a' dèanamh rud air am biodh adag.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Dè mu dheidhinn a' fear seo a cheangal. 'S e bad a tha sibh a' dol a dhèanamh, an e?
Raghnall: 'S e. Bha dà dhòigh air an dèanamh. Bhiodh feadhainn a' seasamh gan dèanamh, gan togail mar seo, dhan ceangal rim broilleach. Ach cha b' e sin an dòigh a chaidh ionnsachadh dhòmhsa idir. Bha thu ga cheangal air an talamh. Cha robh thu ga thogail idir gus nach fliuchadh e thu.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Ga chruinneachadh. 'S dè na th' agaibh ann a' shin dheth?
Raghnall: O well, bheireadh tu sia dhen a' sin dha bò as a' latha.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Dè mheud a tha seo?
Raghnall: Chan eil fhios agam dè a' mheud a bhiodh ann.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Gheibh thu air do là mhan dìreach a chuir mu chuairt air.
Raghnall: O gheibh. 'S e am bann a tha thu a' cur air, 's ann dhan a' choirce fhèin a tha e. Bha snaidhm à raidh ann air a' shon.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh.
Raghnall: Agus seo mar a bha thu ga dhèanamh. Ga chur timcheall mar siud, a' chraobh chun an taobh ud, 's an còrr dheth an taobh eile.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh, an ceann?
Raghnall: 'S bha thu ga thoirt suas mar siud.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Ga thionndadh.
Raghnall: Bha, agus a' cur car dhen dà rna ceann agus...
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Ga shlaodadh troimhe.
Raghnall: Sin e deiseil agad.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: 'S thèid agaibh a thogail mar sin?
Raghnall: °Õ³óè¾±»å. Well, nise nuair a bhios, tha thu a' cur, seall, ni mi fear no dhà dhut.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Nì sinn fear eile ma tha.
Raghnall: ±·Ã¬.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Tha i fliuch, nach eil?
Raghnall: Tha. Tha i a' fàs fliuch.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: A feum iad a bhith uabhasach fhèin còmhnard agaibh air an dèanamh no a bheil e gu diofar?
Raghnall: Well, 's ann mar bu chòmhnard iad a b'fheà rr iad.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh. Tha e a' coimhead rudeigin buidhe a' fear sin, a bheil?
Raghnall: Tha.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: An ann buidhe a bu chòir dha bhith?
Raghnall: 'S ann. 'S ann. Tha e sin abaich.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Tha e sin abaich. A bheil diofar ged a bhiodh beagan de dh'uaine na mheasg?
Raghnall: Chan eil, bhon ma bhios e air abachadh ro bhuidhe agus gun tigeadh gaoth, cuiridh e a' sìol dheth.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: O seadh. Tha mi a' tuigsinn.
Raghnall: Cuiridh. Agus tha e sin feidhear deiseil airson a bhuain an-drà sta. Bhon faodaidh tu a bhuain gorm agus thèid e buidhe bho bhuaineas tu e.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh. Sin agad e. So, tha sibh a' cur sin timcheall, ga thionndadh, 's an uair sin a' cur car dà thrup, an e? Tha.
Raghnall: Mar siud, agus chan fhosgail e tuilleadh gun toir thu fhèin dheth e, nuair a tha thu ga thoirt dhan a' bheathach.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Well, gabhaidh sin ithe, co-dhiù ithidh iad. Cia mheud a dh'fheumas iad?
Raghnall: Bhiodh dusan a' dol ann a...
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Dusan bad?
Raghnall: Dusan bad a' dol còmhla mar seo.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Na seasamh?
Raghnall: Na seasamh agus dh'fhà gadh tu mar sin iad trì no ceithir a là ithean. Nise, nan tigeadh gaoth mhòr thuiteadh feadhainn aca agus dh'fheumadh tu an togail. 'S bhiodh e an uair sin deiseil, 's chuireadh tu ann an cruach bheag e. S e torran a bhiodh againn air.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Ciamar a bhios sibh a' dèanamh sin a-nis?
Raghnall: Cruinn, agus cha robh i ag iarraidh ròpa idir. Nuair a thigeadh e chun na ceithir bho dheireadh bha thu a' toirt pìos far a' bhad mar seo, 's ga thoinneamh ris an ath fhear.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: O mar gum biodh e a' fighe a-steach ri chèile.
Raghnall: Bha, bha.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: 'S mar sin chan fhalbhadh iad le gaoth.
Raghnall: 'S nuair a bhiodh e seachdain no deich latha dh'fhaodadh tu a chuir ann an cruach, 's bhiodh e mar sin tuilleadh gun deidheadh feum a dhèanamh dheth.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Sin agad e. 'S bha sibh a' tòiseachadh ma tha leis a' choirce.
Raghnall: Bha, a' ceangal 's ga thogail 's ga chuir ann an adagan, 's chuireadh tu an uair sin ann an torran e 's bhiodh e can ceithir latha eile as an torran 's bha e deiseil agad an uair sin.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Cruach agaibh an uair sin.
Raghnall: Cruach ach dh'fheumadh tu latha math tioram airson cruach a dhèanamh.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh. A robh dòigh à raidh ann air a dèanamh? Ciamar a bha daoine gan cumail cho còmhnard 's cho snog?
Raghnall: Bha agad, dh'fheumadh tu sin ionnsachadh. Bha thu an toiseach, bha thu a' cumail a bhroinn aice na b' à irde na an taobh a-muigh, ga chumail suas mar seo. Chan fhaodadh a' sìol a bhith na b' ìsle. Dh'fheumadh a' sìol a bhith, an ceann dhan a' bhad air a bheil a' sìol, dh'fheumadh e bhith na b' à irde na an ceann ìosal aige, gus nan deidheadh bùrn ann gu ruitheadh e a-mach air ais.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Agus bha sibh ag rà dh ann a' shiud nach biodh sibh a' cleachdadh sìoman idir airson nan cruachan a chumail?
Raghnall: Cha bhiodh airson nan torran ach bithidh airson nan cruachan.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Dè seòrsa sìoman a bhiodh a' dol mu na cruachan.
Raghnall: O sìoman Theà rlaich. Chan fhaigh thu an-diugh e.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Chan fhaigh. 'S cò air a bha sin air a dhèanamh?
Raghnall: Tha, 's e, tha mi a' smaoineachadh gur ann an Dundee a bhathas ga dhèanamh. 'S e coir rope a' Bheurla a bh' air, coir. 'S e. Agus sìoman Theà rlaich, 's ann à bùth Theà rlaich Moireasdan a' Steòrnabhagh a bhiodh e a' tighinn agus sin mar a bha sìoman Theà rlaich air. Ach gheibheadh sinne as na bùithtean ann a' seo fhèin e. Gheibheadh.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Bhiodh na bodaich ga dhèanamh iad fhèin uaireannan, nach biodh?
Raghnall: Och, bhiodh iad a' dèanamh sìoman fraoich ach chan eil cà il a chuimhne agamsa air a' sin idir ga dhèanamh, duine a seo ga dhèanamh. Ach aon duine, rinn e rud. 'S e th' as a' mhuseum ann an Àrnol. Rinn e e. Bha cuimhne aige mar a bhathas ga dhèanamh 's rinn e tòrr. O rinn e cuibhle mhòr dheth.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh. 'S am bite a' cleachdadh sin airson chruachan aig aon à m.
Raghnall: Bhiodh uaireigin. Ach chan eil cà il a chuimhne agamsa air sin.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Chan eil sibh cho aosta sin!
Raghnall: Chan eil. Chan eil. Tha mi faisg air!
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.