Cha robh Flòraidh airson tilleadh dhachaigh gun beagan fiosrachadh fhaighinn bho Raghnall mu obair an fheòir.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Nise, tha dà inneal agaibh ann a' shin, rà can mòr agus dè am beathach a th' agaibh a' siud?
Raghnall: Forc. Forc-fheòir. 'S e. Agus nuair a tha thu airson seo, nuair a bhios e latha no dhà , tha thu ga fhà gail as a' sgrìob airson dà latha.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh.
Raghnall: Nam biodh sìde mhath ann, cha leigeadh tu leas fhà gail cho fada sin, agus cuiridh tu car dheth mar seo leis a' rà can.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: O, son an taobh eile aige a thogail?
Raghnall: Sheadh. Agus ma sheallas tu, tha a' sgrìob a' fuireach faisg air mar a bha i. Agus cha tèid uibhir a bhùrn air 's a thèid air feur a bhuaineas tu le mower. Chan eil e sgaoilte a-mach ann.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: 'S ann le speal a chaidh seo a ghearradh?
Raghnall: 'S ann. Agus bhiodh tu mar sin a rèir na sìde. Car a chuir dheth cho tric 's a thogras tu no dh'fheumas tu.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh. 'S am bi e ag atharrachadh dath nuair a tha e deiseil airson a chruinneachadh?
Raghnall: O bidh. Ach bithidh tu a' feuchainn ri faighinn air a thiormachadh gun leigeadh dha cus dhen dath a th' air a chall. Agus 's e an dòigh air gun cùm e an dath, nuair a nì e beagan tiormachadh nì thu tiùrran beaga mar seo air. 'S e tudanan a bhios againne orra.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Sin agad ga chruinneachadh leis an...
Raghnall: Leis an fhorc, agus ga chuir mar seo air a chèile agus ged a thigeadh uisge, mar a biodh uisge glè throm ann, cha fhliuch e ach an t-uachdar aige.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh.
Raghnall: 'S ged a bhiodh an t-uachdar fliuch, nuair a thig thu chun a' sin ann a dhà na thrì là ithean a-rithist, bithidh a bhroinn aige tioram.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Agus an e sin dìreach a' mheud aig tudan, dìreach a' rud sin?
Raghnall: Well, beagan a bharrachd air a seo.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Chan eil sin ro mhòr. Bha dùil agamsa gum biodh iad gu math nas motha na sin.
Raghnall: Cha bhi an toiseach. Mar sin, agus nam biodh latha math tioram ann, sgaoileadh tu a-mach iad. Mas e an seòrsa side a th' againn am bliadhna a th' ann, an ceann dhà no tri là ithean a-rithist, bheireadh tu am mullach far an tè seo agus chuireadh tu ann a' sheo e agus mullach na tè ud.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: An dà mhullach?
Raghnall: An dà mhullach as an aon à ite, agus chuireadh tu an uair sin an dà bhonn.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Dè an t-adhbhar a bh' aig a' sin, ma tha?
Raghnall: Bha gus nach biodh e ro fhada as an aon à ite agus gun tòisicheadh e a' fàs damp a-rithist. Chan eil e duilich idir.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Chan eil e a' coimhead ro dhoirbh idir. Dè a-nis nuair a tha sin deiseil?
Raghnall: Well, nuair a bhios, nuair a gheibh thu rudeigin tioram e nì thu goc mòr dheth.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh.
Raghnall: 'S e goca...
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Dè cho mòr 's a bhios sin a-nis?
Raghnall: Well, tha mi a' creids' gum bi sia troighean a dh'à rd agus 's mathaid gum bi sia troighean a leud as a' bhonn, nuair a nì thu e. Ach nuair a thèid e air a chèile a-rithist, thèid i sìos gu ceithir troighean a dh'à rd agus...
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Ciamar a thathar a' ceangal sin, ma tha?
Raghnall: Chan eil thu a' dèanamh, cur pìos lìon air. Lìon a bhiodh aca airson iasgach, pìos trawl.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh, 's cha ghluais e.
Raghnall: Cha ghluais. Well, nam biodh gaoth mhòr, mhòr ann, ghluaiseadh e. Agus tha thu an uair sin nuair a bhios tu dha chur seachad, nì thu aon mhòr dheth airson a' gheamhraidh, far am bi e fad a' gheamhraidh gus am bi feum agad air. Cha bhi mise ga thoirt dhan na beathaichean gu, 's ann dha caoraich a tha mi ga thoirt, gu earrach.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Agus am bi sibh a-niste a' faighinn am measg cà il dhan a' stuth a tha seo, a bheil cà il ann na mheasg a dh'fheumas sibh a thoirt à s. Am bi cuiseagan is rudan ann?
Raghnall: Bidh beagan chuiseagan ann is gìogain. Buaghallan, bidh tu gan toirt às gu lèir.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: 'S cuin a bheir sibh à s sin a-nise?
Raghnall: Nuair a bhios tu ga chuir dhan an t-sìg mhòr.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Eil e nas fhasa a thoirt à s an uair sin?
Raghnall: Well, tha, tha barrachd cron ann ma dh'fhà gas tu e as an t-sìg mhòr. Nam biodh tu ga thoirt dha crodh agus buaghallan a bhith ann, nì e tinn, marbhaidh e feadhainn aca.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh gu dearbha.
Raghnall: 'S chan fhaod buaghallan a dhol ann a' silage idir. Tha e a' dèanamh cron a choireigin. Puinnsean.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: 'S a bheil obair mhòr sin a thoirt à s?
Raghnall: Och chan eil, miotagan rubair.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: An e?
Raghnall: 'S e. Miotag rubair 's bheir thu gìogain às cuideachd. Thistles. An fheadhainn sin. Tha e dìreach mar a bha, 's ann aig deireadh an cùis a tha thu a' toirt às na rudan nach fhiach mar a bh' as a' pharable as a' Bhìoball. Parable of the Tares. 'S e, 's chan eil tòrr eile a' fàs a seo. Ach ma bhios tu ag iarraidh a' feur a bhuain gum biodh a' chuid bu mhotha dhe na sìtheanan, nam biodh sìtheanan a' fàs ann. 'S e feur fiadhaich a tha seo, chan eil e cultivated mar gun canadh tu.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh.
Raghnall: Nam biodh sìthean buidhe air am biodh buttercups ann, cha bhuaineadh tu e gum bà saicheadh a h-uile gin dhan a' sin.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: O, sin an comharra a bh' agaibh?
Raghnall: 'S e. Tha mise a' smaoineachadh an-diugh gu bheil tòrr a' buain an fheur tòrr nas trà ithe, nas luaithe, na leigeadh iad a leas.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.