[an error occurred while processing this directive]
Fhuair Flòraidh dealbh air mar a bha cùisean ann an dachaigh agus dùil leanabh tighinn dhan t-saoghal, nuair a bhruidhinn i ri Mà iri NicÌomhair à Tolastadh bho Thuath, Leòdhas. Bha Mà iri uair ag obair na banaltram agus na bean-glùine.
²Ñà ¾±°ù¾±: Bhiodh i a' cur fios thugainn gu robh i trom aig an à m agus bha sinn an uair sin a' dol a shealltainn oirre, 's a' gabhail a h-eachdraidh. Bha sinn ag innse dhi dè cho tric 's a bhiodh sinn a' tighinn a shealltainn oirre. Bha sinn ag innse dhi dè mar a dheigheadh dhi, 's cà ite a' faigheadh i lorg oirnn, dè thionaileadh i airson an à m sin, fiù aodach a' chlann, ma bha i ag iarraidh sin a cheannach ron à m.
Bha feadhainn aca a bha a' smaoineachadh nach robh e ceart dhaibh sin a dhèanamh gun fhios nach deigheadh cà il ceà rr, agus a' dèanamh ullachaidhean eile dhen t-seòrsa sin.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh, cha cheannaicheadh feadhainn aca an t-aodach, an e, no cà il sam bith dhan a' leanabh?
²Ñà ¾±°ù¾±: Bha feadhainn aca nach ceannaicheadh. Bha iad a' smaoineachadh nach robh e ceart. Cheannaicheadh iad na dhèanadh a' chùis dhaibh aig an à m, ach an còrr cha cheannaicheadh iad gum biodh iad cinnteach gu robh a' chùis air a dhol leotha.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Am biodh iad, a' robh cà il aca mu dheidhinn dathan?
²Ñà ¾±°ù¾±: Well, bha. Bha feadhainn aca nach bu chaomh leotha ceannachd cus gorm no cus pinc. 'S dòcha gun ceannaicheadh iad geal gu lèir, no 's dòcha buidhe no rud dhan t-seòrsa sin. Ach cha robh iad airson a bhith le pinc no gorm gun fhios dè gheibheadh iad.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Sin agad e. An-diugh bhiodh fhios aca nam biodh iad ag iarraidh, tha mi cinnteach, dè seòrsa, an e balach no caileag a bhiodh ann. Ach bha rudan eile ann, a bha 'd a' creidsinn ann, man à m sin nuair a bha 'd, nuair a bha na boireannaich trom, nach robh?
²Ñà ¾±°ù¾±: Bha. Bha 'd a' smaoineachadh nan deigheadh cà il a bhualadh annta, no nan sadadh duine cà il orra, gu robh sin a' dol a dh'fhà gail là rach air a' leanabh a bha 'd a' giùlain.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Agus an e rud a shadail orra mar mì-mhodh, no dìreach rud a chaitheamh thuca mar "Beir air a' siud," eil fhios agad?
²Ñà ¾±°ù¾±: Cha chreid mi nach e rud dìreach a dheigheadh a shadadh orra.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Fiù 's ged nach robh brìgh sam bith à s...
²Ñà ¾±°ù¾±: Seadh. Dìreach. 'S mathaid gu sadadh duine rud oirre. Dh'fhaodadh gur ann gun fhiosda. Ach bha daoine a' smaoineachadh gu robh sin a' dol a dh'fhà gail là rach air a' leanabh, far am buaileadh e air a mhà thair gum biodh a' là rach air a' leanabh as an à ite sin.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: An fhaca sibh boireannach a-riamh a' coimhead airson a' chomharra bha sin, ma-thà ?
²Ñà ¾±°ù¾±: Chunnaic. Chunnaic. Agus rud eile a bhiodh iad a' coimhead air a' shon nuair a' gheibheadh iad a' leanabh, 's e a' robh a h-uile cà il orra, gach òrdag 's a h-uile cà il, gu robh a h-uile cà il na à ite fhèin.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: A' cunntais nan corragan 's nan òrdagan.
²Ñà ¾±°ù¾±: Bha 'd a' cunntadh nan corragan 's a h-uile cà il, gum biodh iad cinnteach gu robh a' leanabh coileanta.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Nise, nuair a bhiodh an t-à m a' tighinn, nuair a bhiodh a' leanabh gus a' bhreith, a' robh uidheaman sònraichte a dh'fheumadh a bhith agaibh airson sin?
²Ñà ¾±°ù¾±: O bha. Bha a h-uile cà il a bha sin againn ann am baga a bh' againn a dh' aona ghnothaich air a' shon.
Bha sinn a' toirt linn siosar, 's rud ris an can sinn forceps, agus, tha, bobhlaichean airson a bhith a' cur ann na rudan.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Am biodh sibh a' toirt sin leibh cuideachd?
²Ñà ¾±°ù¾±: Bha, bha sin againn as a' bhaga. Bha sinn a' toirt leinn a h-uile cà il a bha sin as a' bhaga. Bobhlaichean a dh' aona ghnothaich airson a bhith a' cur a' stuth againn fhèin ann. Cha robh sinn airson cà il, cur dragh air cà il a bh' as an dachaigh dhan t-seòrsa sin. Bha sin a' dol nar cois.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Agus, tha, am boireannaich fhèin. Dè dh'fheumadh ise a dhèanamh nuair a thigeadh an t-à m, airson i fhèin ullachadh cuideachd.
²Ñà ¾±°ù¾±: Well, dh'fheumadh i bhith cinnteach gu robh.. bhiodh sinn ag iarraidh mias oirre, coire le bùrn teth, no rud dhan t-seòrsa sin.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Nis, an robh a' bhanaltraim leatha fhèin, i fhèin 's am boireannach? Robh sibh leibh pèin nuair a bha a' leanabh a' tighinn?
²Ñà ¾±°ù¾±: Bha, ach 's dòcha nam biodh piuthar aice, no mà thair, gun toireadh sinn a-steach còmhla rinn iad.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Cha robh guth air fir an uair sin?
²Ñà ¾±°ù¾±: Cha robh na fireannaich a' dol a-steach aig an à m a bha mise ann idir. Cha robh.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Duine aca, idir?
²Ñà ¾±°ù¾±: Cha robh duine aca a' dol a-steach. Cha robh iad ag iarraidh a-steach. Bha 'd a' feuchainn ri cumail cho fada air falbh 's a gheibheadh iad.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: 'S nuair a thigeadh a' leanabh a-nis, nuair a bhiodh e air a bhreith, nuair a nochdadh e, dè a' chiad rud a bha a' bhanaltraim a' dèanamh leis?
²Ñà ¾±°ù¾±: Bhiodh sinn ga chumail an-à irde 's a' feuchainn ri, man a robh e a' gal sa bhad, 's dòcha gu suathadh sinn an druim aige. Cha robh sinn ga shuathadh cruaidh ach...
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Mar a chì thu as na dealbhan?
²Ñà ¾±°ù¾±: Cha robh sinn buileach cho trom ri sin. Ach, gus an tòisicheadh a' leanabh a' gal, bha fhios an uair sin nuair a chluinneadh na pà rantan no cò bha còmhla rinn, nuair a chluinneadh iad a' leanabh a' gal, bha fios aca gu robh a' chùis ceart gu leòr.
'S dòcha an fheadhainn a bhiodh as a' chidsin a' feitheamh, gun tigeadh iad a dh'èigheach rinn. Dh'èigheadh iad rinn tron doras a robh a h-uile cà il ceart gu leòr, 's dè bh' ann, an e balach no nighean a bh' ann. Thòisicheadh iad an uair sin ag innse dhan a' clann, 's a h-uile cà il.
'S bha gà irdeachas an uair sin air feadh a h-uile duine, 's bha 'd airson gu faigheadh iad a-steach a shealltainn air a' leanabh. Bhiodh sinn ga thoirt troimhe thuca uaireannan, 's uaireannan eile a' toirt a h-uile duine a-steach dhan rùm.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: 'S a' robh cleachdaidhean am measg seo a-nis?
²Ñà ¾±°ù¾±: Well, cha robh mòran. Aig an à m sin cha robh cà il ann ach dìreach an gà irdeachas agus.. ach à s dèidh sin, 's dòcha gum biodh iad a' toirt glainne fìon no rud dha na daoine a bha timcheall 's duine a thigeadh a-steach a shealltainn air a' leanabh.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Bha ainm air a' sin, nach robh?
²Ñà ¾±°ù¾±: An t-ùrdan a bhiodh againne air.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: An t-ùrdan. Agus 's e fìon, an e fìon a thuirt sibh?
²Ñà ¾±°ù¾±: Fìon, no rud a bhiodh iad ag iarraidh. Bhiodh feadhainn le uisge-beatha, 's dìreach a' rud a bhiodh aca.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.