[an error occurred while processing this directive]

Bha creideas aig cuid nam biodh Àirne Mhoire aca nan là imh aig an à m, gu robh e a' cur dìon oirre aig à m leanabh a thoirt don t-saoghal.
Nuair a bhiodh leanabh air a bhreith agus currac streafoin, caul, air, bhathas a' meas gu robh a' leanabh a bha sin air leth sònraichte, agus air leth fortanach. Gu h-à raidh nam b' e balach a bhiodh ann, bhiodh iad a' cumail a-mach nach deigheadh a bhà thadh gu brà th.
Bha Tormod MacLeòid, An t-Òb, a' cuimhneachadh air an fhear seo nach robh buileach aig a dhòigh fhèin. Bha e rud beag faoin, 's dòcha. A' latha a bha seo, bha e air a' rathad mhòr 's bha a' spliuchan aige falamh. Chaidh a' ministear seachad, 's bha cuideigin còmhla ris. Bha sin ceart gu leòr, ach bha toit mhath a' falbh à pìob a' mhinisteir.
Thuirt an duine bochd ris, as an dol seachad "Chan eil sibh fhèin ga bleith falamh, a' Mhinistear!"
Tha e coltach gum biodh na daoine bochda a' bleith na brà mur a robh ach beagan sìol aca, 's bhite a' cantainn gu robh iad ga bleith falamh.

'S e brannach inilt a chanadh na Hiortaich ri bean-glùine.
Ann an cuid a dh'à iteachan b' e bangaid a chante ris an ùrdan, an deoch a bhiodh nà baidhean agus cà irdean a' faighinn an dèidh do leanabh a bhith air a bhreith.
B' e seo a chante an cuid a dh'à iteachan ri là rach, birthmark, a bhiodh air leanabh nuair a dheigheadh a bhreith.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.