RealPlayer neo-shuidhichte
Òran an t-Sìth - Calum Ruadh MacNeacail, air aithris leis fhèin
'S e seo a' bhliadhna shòlasach chaidh
stad air còmhstri dhaor,
A sguir an dòrtadh fala air an talamh
le droch rùn,
Bhon chaidh an aimhreit thairis rinn an sgaradh à s
an t-saoghal,
Nach aoibhneach an-diugh ri aithris gu bheil againn a-nis saors'.
Bidh
cuimhne air an t-samhradh seo rè fad gach à m is linn,
Cho fad
's a bhios grian is gealach ann, cladach agus tìr,
Nuair sìocud
am murtair Gearmailteach, chaidh armailtean fo chìs,
Nuair sgrios iad
sìos na h-ainmhidhean bha meanmna Japanese.
Leugh sibh mu na daingnichean,
mun ainm An Atlantic Wall,
Chaidh thogail leis a' Ghearmailteach air cost'
na Fraing on Spà inn,
Cho fada suas ri Lochlann, bha chuid mhèinnnean
air gach trà igh,
Bha deiseil le chuid champaichean gu nà imhdean
chur na smà l.
Aig Normandy gun sheall iad dha nach b'ann mar siud
a bha,
Nuair dhòirt iad na commandos air, air madainn moch Dimà irt,
Chaidh
armailtean taobh Shasainn, gu chuid chladaichean an sà s,
Cha b'fhada
a sheas am balla ud, bha e mar ghainmheach air an trà igh.

