Dunkirk - le Murchadh MacFarlane, beagan rannan às air aithris leis a' bhà rd fhèin
O
à m èirigh na grèine
Gu ruig tuiteam na h-oidhche
Strì a' sireadh fà th beuma
Faram bheuglaid chluinnte;
'N
aghaidh carbadan iarainn
Ciod a dhèanamh an rinn duinn?
Nan
robh duine ri duine
Againn 's cothrom na Fèinne
Cha b'ann leoth-san
ach leinne
Bhiodh an latha; 'n sin dh'èireadh
Grian na Saors' air
na treubhan.
O mar sheas an dìon-cùil
ud
Gus an d'fhuair chum na trà igh sinn;
Fear mar thuit sheas dùr,
dùlanach
Fear eile na à ite
Gu mu dheireadh nach d' fhuaireadh
Neach sheas suas anns a' bheà rna.
Ged a fhuair
chun na trà igh sinn
Oir air ar cà radh cha b' shùgradh:
Muir a' mhaoidheadh ar bà thadh
'S ar nà mh dà n air ar
cùlaibh;
Sinn aige air an innean
'S cha d' chaomhain buill-ùird
air.
Mar na stèarnagan lìonmhor
Air trà igh
Mhealaboist san t-Samhradh
Os ar cinn iad san iarmailt
Frasadh luaidh
òirnn amhluidh
Mar froiseas tuath ghailleann
Clach mheallain a'
gheamhraidh.
Ach nan cluinneadh sibh an iollach
A thog
air an trà igh sinn
Nuair chunnaic ar balaich
Ar cabhlach sà ile;
Bhuail cruaidh sinn ar basan
'S glaodh, "Breatainn gu brà th!"
sinn.
"Maois a thrà igheas an caolas
A bheil
leibh?" deir nà mh tà ireil.
Chual am freagart an saoghal
Thug ar cabhlach sà ile
Spìon trì cheud gu leth mìle
Dhinn à ìnean na nà mhaid.
Glac misneachd,
a Shaorsa,
Cluinn caismeachd do Chà irdean
Tighinn lem brataichean
sgaoilte
Lìonmhor, armaichte, là idir,
'S iad ri bòideachadh
daingeann
Gun cathaich gu bàs dhut.

