
Ged a bha clann agus boireannaich gan gluasad a-mach à Lunnainn, agus à bà iltean mòra eile, le eagal gu robh cunnart air fà ire, bha mòran dhen bheachd nach maireadh an cogadh ach greis bheag. Fhuair iad briseadh-dùil an ùine nach robh fada. Ged a bha cabhlach Bhreatainn na bu là idire na cabhlach na Gearmailt, chaidh 114 soithichean Breatannach a chur fodha ann an 1939 a-mhà in. Chaidh an Royal Oak a chur fodha ann an Scapa Flow air 14 Dà mhair 1939 is chaill 833 duine am beatha. B’ e caladh cho sà bhailte 's a bha ri fhaotainn a bh’ ann an Scapa Flow, agus b’ e bà ta mòr cumachdach a bh’ anns an Royal Oak. Ma chaidh aig na Gearmailtich air a cur fodha 's i aig acair an Arcaibh, dè eile a dh’fhaodadh tachairt?

©Franklin D. Roosevelt Presidential Library
Chaidh a’ chiad shaighdearan Breatannach, am British Expeditionary Force a-null dhan Fhraing gus ullachadh a dhèanamh, is fios a’ dol gu robh a’ Ghearmailt a’ dèanamh air taobh siar na Roinn Eòrpa.

