B’ e adhbhar uabhais a bh’ann cho luath 's cho siùbhlach 's a fhuair na Gearmailtich là mh-an-uachdair ann an 1940. A dh’aindeoin an dìchill cha b’fhada gus am b’ fheudar do shaighdearan a’ Chaidreachais teiche gu ruige cladaichean Caolas Shasainn.
Chaidh armachd agus uidheam fhà gail anns a’ chabhaig agus aig deireadh a’ Chèitein, bha na ceudan mhìltean shaighdearan air trà igh Dunkirk a’ feitheamh ri aiseag gus sà bhailteachd fhaighinn ann am Breatainn. Thà inig ceudan de bhà taichean de gach seòrsa gan iarraidh agus eadar 26 Cèitean agus 3 Ògmhios, chaidh 338,226 saighdearan Breatannach agus Frangach a shà bhaladh à Dunkirk, agus 220,000 eile à Cherbourg, Saint-Malo, Brest agus St-Nazaire.

© Science & Society Picture Library

