|  |

 Tha an loidhne-tìde seo ag innse eachdraidh an Dàrna
Cogaidh. Tagh bliadhna agus gheibh thu a-mach cuid dhe na bha dol aig
an àm sin.

- 8 Faoilleach
- Thòisich cuibhreannachadh a thaobh ime, siùcair is hama ann am Breatainn.
- 17 Gearran
- Rinn Breatainn planaichean gus 400,000 leanabh a ghluasad a-mach à bailtean.
- 9 Giblean
- Bhris na Gearmailtich a-steach air an Danmhairg agus Nirribhidh.
- 10 Cèitean
- Bhris na Gearmailtich a-steach dhan Fhraing, dhan Bheilg, a Lucsamburg,
agus dhan Tìr Ìosal. Chaidh Winston Churchill a thaghadh mar
phrìomhaire Bhreatainn.
- 14 Cèitean
- Ann am Breatainn, chaidh a' chiad gairm a dhèanamh airson Local
Defence Volunteers, a' Home Guard mar a chante riutha.
- 15 Cèitean
- Ghèill An Tìr Ìosal do na Nàsaich.
- 26 Cèitean
- Leis a h-uile seòrsa bàta, thòisichear air saighdearan am BEF ( British Expeditionary Force ) a bha glaiste aig Dunkirk san Fhraing a shàbhaladh. Lean an obair seo gu 3 Ògmhios.
- 28 Cèitean
- Ghèill A' Bheilg do na Nàsaich.
- 3 Ògmhios
- Leag na Gearmailtich bomaichean air Paris.
- 4 - 10 Ògmhios
- B' ann as dèidh Dunkirk a chaidh mòran shaighdearan a bha air am fàgail san Fhraing a ghlacadh aig St Valery-en-Caux.
- 10 Ògmhios
- Ghèill Nirribhidh do na Nàsaich agus ghairm Mussolini às an Eadailt cogadh an aghaidh Bhreatainn agus na Frainge.
- 13 Ògmhios
- Chaidh an Scotstoun a chur fodha le torpedo.
- 14 Ògmhios
- Ràinig na Gearmailtich Paris, agus fhuair iad smachd air a' bhaile.
- 17 Ògmhios
- Dh'iarr Pétain air na Frangaich sgur a shabaid an aghaidh nan Gearmailteach.
- 22 Ògmhios.
- Ghèill an Fhraing is chaidh an dùthaich a sgaradh. Bha an ceann a tuath fo smachd nan Gearmailteach agus bha an ceann a deas (ris an cante Vichy France ) fo smachd Pétain.
- 1 Iuchar
- Thug U-boats Gearmailteach ionnsaighean air bàtaichean a' Chabhlaich Mharsantaich anns a' Chuan Siar.
- 10 Iuchar
- Thòisich ‘Blàr Bhreatainn' leis an RAF a' sabaid an aghaidh an Luftwaffe. Mhair e gu 31 Dàmhair.
- 13 Lùnastal
- “Eagle Day”. Bomaichean ga leagail air puirt-adhair agus factaraidhean
ann an Sasainn.
- 23/24 Lùnastal
- A' chiad bhomaichean ga leagail air Lunnainn.
- 25/26 Lùnastal
- An RAF a' leagail bhomaichean air Berlin airson a' chiad uair.
- 7 Sultain
- Thòisich am Blitz ann an Lunnainn le 300 bomair Gearmailteach a' tighinn tarsainn le 600 plèan eile a' toirt taic dhaibh.
- 13 Sultain
- Bhris na h-Eadailtich a-steach dhan Èiphit.
- 15 Sultain
- Ionnsaighean uabhasach le plèanaichean Gearmailteach air Lunnainn, Southampton, Bristol, Cardiff, Liverpool agus Manchester ged a choisinn an RAF ‘Blàr Bhreatainn'.
- 27 Sultain
- Dh'aontaich a' Ghearmailt, an Eadailt agus Iapan Tripartite(Axis) Pact.
- 28 Dàmhair
- Thug An Eadailt ionnsaigh air a' Ghrèig.
- 5 Samhain
- Chaidh Franklin D Roosevelt a thaghadh a-rithist mar Cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte. Chaidh an Jervis Bay a chur fodha anns a' Chuan Siar.
- 10/11 Samhain
- Chaidh Cabhlach nan Eadailteach a dhroch mhilleadh leis an RAF ann an Taranto.
- 14/15 Samhain
- Ionnsaigh le bomaichean air Coventry.
- 19 Samhain
- Chaidh am Maimoa a chur fodha anns a' Chuan Innseanach.
- 22 Samhain
- Rinn na Greugaich a' chùis air 9th Army nan Eadailteach.
- 9/10 Dùbhlachd
- Operation Compass.Thòisich Breatainn a' chiad ionnsaigh an
aghaidh nan Eadailteach anns an fhàsach an ceann a tuath Afraga.
- 11 Dùbhlachd
- Ghlac Breatainn Sidi Barrani.
- 29/30 Dùbhlachd
- Ionnsaigh-adhair mhòr eile air Lunnainn.
|
|