
Thogadh Anna Frater ann am Pabail Uarach ann an sgìre an Rubha, Eilean Leòdhais, an aon sgìre dom buin Ruaraidh MacThòmais agus Iain Crichton Mac a' Ghobhainn.
Choisinn i PhD bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1995, bho stiùir an Ollaimh Dòmhnall MacAmhlaigh, le trà chdas air Scottish Gaelic Women's Poetry up to 1750.
Thòisich Anna a' sgrìobhadh bà rdachd ann an Gà idhlig nuair a bha i air a' bhliadhna mu dheireadh san à rd-sgoil. Tha na dà in aice air nochdadh ann an irisean leithid Gairm agus Chapman agus chaidh Fon t-Slige, cruinneachadh den sgrìobhadh aice, fhoillseachadh ann an 1995.
Chaidh Duais a' Mhòid a thoirt dhith ann an 1996 aig Mòd Blà r Ghobharaidh airson an leabhar ùr inbheach a b'fheà rr ann an 1995.
Chuir i grunnan bhliadhnaichean seachad ag obair ann an craobh-sgaoileadh mus do thill i air ais a Leòdhas ann an 1999 far a bheil i a' teagaisg chùrsaichean Gà idhlig ann an Colaiste a' Chaisteil, meur de dh'Oilthigh na Gà idhealtachd 's nan Eilean.
Tha i an-diugh a' fuireach ann am Pabail Uarach far a bheil i pòsta le aon leanabh.
Anna Frater ag innse ciamar a thòisich i a' sgrìobhadh
Bha mi air pìos no dhà a sgrìobhadh ann am Beurla nuair a bha mi sa bhun-sgoil 's anns an à rd-sgoil ach nuair a bha mi san t-siathamh bliadhna dhen à rd-sgoil, thà inig fios gu na clasaichean Gà idhlig bhon Lanntair, gu robh iad airson oidhche de bhà rdachd a chur air chois, bà rdachd le òigridh ann an Gà idhlig 's ann am Beurla, 's nam biodh duine deònach sin a dhèanamh, gu robh iad airson fios fhaighinn bhuainn. 'S bha mi fhìn is aon tè eile a thuirt gu feuchadh sinn air an sin. Agus rinn mi gu dìcheallach na b' urrainn dhomh agus sgrìobh mi dhà no trì dhà in ann an Gà idhlig agus ann am Beurla. Agus air an oidhche thionndaidh sinn an-à irde 's cha robh anns an èisteachd ach mo mhà thair 's leis an sin, chaidh an oidhche chur dheth.
Nuair a chaidh mi sìos a Ghlaschu an uair sin bha na dà in sa Ghà idhig a bha seo agam sgrìobhte, 's bha mi uabhasach fortanach gur e am proifeasair a bh' agam ann an Oilthigh Ghlaschu, Ruaraidh MacThòmais. Chaidh mi a bhruidhinn ris agus a dh'iarraidh air coimhead ris a' bhà rdachd agam agus a bheachd a thoirt seachad. Thug e dhomh beachd a bha gu math soilleir: feadhainn aca, bha 'd rudeigin faoin ach gu robh fear no dhà a bha e airson a chur dhan ath iris de Ghairm.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.