Na bà rdachd, tha Anna Frater tric a' meòmhrachadh air Leòdhas, an t-eilean dham buin i agus air earrannan sònraichte de dhualchas an eilein agus de dhòigh-beatha là itheil nan daoine. Tha i cuideachd tric a' dèiligeadh na bà rdachd ri cor na Gà idhlig agus nà iseantachd ach tha i uaireannan eile a' leudachadh a seallaidh gu rudan a tha a' tachairt ann am pà irtean eile den t-saoghal.
Bidh Frater cuideachd a' dèiligeadh ri cuid de na ceistean farsaing, moralta a tha fa chomhair dhaoine san latha an-diugh agus ri Cuspairean pearsanta, mar a nà dar fhèin agus gaol.
Tha Anna Frater mar as trice a' cur a smuaintean an cèill tro bhith a' snìomh ìomhaighean ri chèile gu sgileil, uaireannan ga fhà gail aig an leughadair am mìneachadh. Mar as trice tha i a' cleachdadh saor-rannaigheachd.
Mar a tha a stoidhle sgrìobhaidh air atharrachadh
Nuair a thòisich mi bha meas mòr agam air bà rdachd Ruaraidh MhicThòmais agus gu ìre mhòr, feumaidh mi aideachadh, bha mi a' leantainn na stoidhle sgrìobhaidh aigesan. A' toiseachadh le ìomhaigh 's an uair sin mìneachadh a' tighinn as a dhèidh. A-nis, chan eil mi a' dèanamh uimhir a mhìneachadh. Tha mi a' fà gail barrachd an urra ris an leughadair.
Uaireannan, tha sin a' fà gail nach eil daoine buileach a' tuigsinn na bà rdachd. Chan eil e cho furasta, mar aon dhà n Domestic 9/4/92. Agus chan eil daoine a' tuiginn gu bheil an ceann latha cudromach oir chan e dà n mu dheidhinn boireannach a th' air a pronnadh leis an duine 's a' tilleadh air ais thuige aig deireadh an latha a th' ann. 'S e dà n poilitigeach a th' ann. B' e sin latha an taghaidh a chuir na Tòraidhean air ais a-steach nuair a bha sinne a' smaoineachadh gu robh sinn a' dol a dh'fhaighinn atharrachadh. Cha do chuir mi cà il dhan dà n a bha a' mìneachadh sin ach anns an tiotal fhèin.
Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mi a' dèanamh barrachd dhen sin a-nise agus cuideachd dà in mu dheidhinn tachartasan sònraichte no daoine sònraichte. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mo ghuth fhìn a' tighinn troimhe nas là idire na bha e anns na dà in a bu trà ithe.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.