
Thogadh Anna Frater ann am Pabail Uarach ann an sgìre an Rubha, Eilean Leòdhais, an aon sgìre dom buin Ruaraidh MacThòmais agus Iain Crichton Mac a' Ghobhainn.
Choisinn i PhD bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1995, bho stiùir an Ollaimh Dòmhnall MacAmhlaigh, le trà chdas air Scottish Gaelic Women's Poetry up to 1750.
Thòisich Anna a' sgrìobhadh bà rdachd ann an Gà idhlig nuair a bha i air a' bhliadhna mu dheireadh san à rd-sgoil. Tha na dà in aice air nochdadh ann an irisean leithid Gairm agus Chapman agus chaidh Fon t-Slige, cruinneachadh den sgrìobhadh aice, fhoillseachadh ann an 1995.
Chaidh Duais a' Mhòid a thoirt dhith ann an 1996 aig Mòd Blà r Ghobharaidh airson an leabhar ùr inbheach a b'fheà rr ann an 1995.
Chuir i grunnan bhliadhnaichean seachad ag obair ann an craobh-sgaoileadh mus do thill i air ais a Leòdhas ann an 1999 far a bheil i a' teagaisg chùrsaichean Gà idhlig ann an Colaiste a' Chaisteil, meur de dh'Oilthigh na Gà idhealtachd 's nan Eilean.
Tha i an-diugh a' fuireach ann am Pabail Uarach far a bheil i pòsta le aon leanabh.
Mar a thug sgrìobhadh Ruaraidh MhicThòmais buaidh oirre
Chòrd stoidhle sgrìobhaidh MhicThòmais rium gu mòr. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil a' bhà rdachd aige furasta a tuigsinn, dhòmhsa co-dhiù. An seòrsa ìomhaigheachd a tha e a' cleachdadh, mar a tha e a' toirt seachad dealbh air aon rud 's an uair sin ga chleachdadh mar mheatafor airson rudeigin eile. Chan e an rud air a bheil e a' tòiseachadh a' bruidhinn, chan e sin brìgh na bà rdachd. Agus tha an seòrsa cà nain a tha e a' cleachdadh cuideachd furasta.
Chan eil mi ag rà dha gu bheil e sìmplidh, ach chan eil agad ri bhith a' rùrach no a' sporghail ann an Dwelly airson faighinn a-mach dè tha am facal seo a' ciallachadh. Agus 's mathaid cuideachd gu robh taobh agam ris seach gur ann às an aon bhaile rium fhìn a tha e. Tha mi a' smaoineachadh gu robh sin a' cur ris an ùidh a bh'agam anns a' bhà rdachd aige nuair a bha mi na b' òige, gur e seo bà rd às a' bhaile agam fhìn a bha ainmeil. Ach an rud as motha, 's e gun chòrd a' bhà rdachd rium.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.