MĂ iri Iain Mhurch' Chaluim a' cuimhneachadh
Cha robh mise a' dèanamh cà il a-muigh. Bha mi a' cuideachadh mo mhà thar ag ullachadh airson m' athar. Cha robh sinn cinnteach… fhuair i litir bhuaithe na là ithean ron sin, agus gu robh dùil aige ri leave is gu robh e an dòchas gu faigheadh e leave na Bliadhn' Ùire 's gum baisteadh e an leanabh. Cha robh an duine a b' òige ach sia mìosan. Bha an t-suipear aice ga h-ullachadh agus an ath-dhoras dhuinn, bha bùth is bha each is gig aige, Poilidh. B' e Coinneach Mhurchadh Ghreusaiche a chanadh iad ris agus thuirt mi ri mo mhà thair, an dùil nan tigeadh m'athair a-nochd, an dùil nach toir Poilidh dhachaigh e. Ma thig d' athair a-nochd, ars ise, chan fhà g Poilidh an Steòrnabhagh e. 'S bha sinn mar sin.
Bha bàs an ath dhoras dhuinne, Dòmhnall Beag Mhurchaidh Bhig, agus thà inig Iain brà thair mo mhà thar a-steach 's e anns an taigh-fhaire agus thuirt e gu robh e a' cluinntinn nan conacagan. Is thuirt mo mhà thair, bha, ars ise, conacagan na Bliadhna Ùire tha mi creidsinn. Cha b' e, ars' esan, b' e bha siud ach conacagan èiginnneach.
Nise tha cuimhn' agam air an sin ged a b' ann a-raoir a bhiodh air a bhith ann agus là rna-mhà ireach thòisich mo mhathair a' nigheadaireachd. Cha tà inig m'athair. An t-searbhant a bh' aig brà thair mo mhà thar, thà inig e a chuideachadh mo mhà thar a' nigheadaireachd is bha mi a' gabhail iongantas gun thachair sin agus chunna mi m'antaidh a' tighinn a-nuas an rathad agus chaidh i a thaigh Dhòmhnaill na Pìobaire. Thà inig Dòmhnall na Pìobaire an oidhche sin agus chaidh i a thaigh Dhòmhnaill na Pìobaire 's bha mi a' cumail ealla rithe agus chunna mi gun deach i a-mach an lot gu taigh Iain, brà thair mo mhà thar. Agus b' ann anns an tighinn a-steach dhi, b' ann a thà inig i a-steach, 's sheas i anns an doras. Nuair a chunnaic mo mhà thair i, dh' aithnich i anns an spot gu dè bh' ann b' i piuthar eile m'athar a thà inig à Portmholair a dh'innse dhan an tè sin.
Bha Torcuil aig Tormod, bha e a-staigh ann an taigh John Murdo, is bha John Murdo air fear de na steamairean an oidhche sin agus bhruidhinn iad air. Bhruidhinn iad air. Nise, cha robh idea aig John Murdo gu robh Torcuil a-staigh ann. Agus chuala e ag rĂ dh gu robh Iain Mhurch' Chaluim, 's e sin a chanadh iad ri m'athair, air a chall is chaidh Torcuil a-steach is dh' inns e sin dha athair. 'S bha m' antaidh, bha i deiseil, le cuid aodaich SĂ baid oirre, 's i a' dol dhan t-searmon.
An à ite a dhol dhan t-searman thà inig i, is nuair a thà inig i a-nuas, chaidh i gu piuthair eile a bha aig ceann a-muigh a' bhaile. Nuair a sheas i anns an doras thuirt i rithe, eil lorg agad air do bhrà thair? Sin mar a fhuair sinn an sgeul air m'athair. Cha tà inig fios bho dhuine. Bha iad mar gum biodh iad a' teicheadh bhuainn. Cha tà inig brà thair mà thar na eile a dh' innse dhuinn ach mar siud. Cha do chreids mi idir, cha robh mi ga chreidsinn idir gun thachair e gun tà inig iad a-steach dhan taigh fhaire. Agus nuair a thà inig piuthar m' athar a-steach, sheas i anns an doras 's thuirt i - bha an còigear againn timcheall air mo mhà thair, cha robh mise ach deich agus an duine a b' òige sia mìosan - agus thuirt i, taing dhan Chruthaighear, ars ise, gur e sgiath ur mà thar a th'agaibh a-nochd ged is e mo bhrà thair a bh' ann.