Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Anna Frater, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
Mac a' Ghobhainn, I. (An t-Earrach 1996) Fon t-Slige.
Gairm 174, td. 185

"'S e Fon t-Slige tiotal an leabhair: ach dè a tha an tiotal seo a' ciallachadh? Chì sinn am freagairt don cheist sin nuair a leughas sinn a' chiad dà n, Crùbag:
Co às a thà inig an t-slige seo? 'S mathaid gu bheil sinn ag ionnsachadh sin nuair a leughas sinn a bà rdachd gaoil, gaol air nach tà inig piseach...
Tha mòran anns an leabhar mu à iteachan is daoine. Bhiodh e à raid mur a biodh dà n ann air Pabail far a bheil dachaigh an ùghdair. Tha i ga coimhead fhèin dùbailte:
Ach tha cuideachd a' Ghearmailt anns a' bhà rdachd aice agus am balla a chaidh a thogail ('s a leagail) eadar pobaill. Tha luaidh air Gorbachev, a dh'fhosgail an cùirtear. Agus (dà n cho math 's a th' anns an leabhar) tha Anna a' bruidhinn air an atharrachadh a thà inig air ìompaireachd Chomannach 's mar a reub an Ruis an rionnag dhearg a-mach às a maoil. Agus tha dà n aice air Bosnia.
Tha saoghal a' ghaoil is saoghal na Roinn Eòrpa a' briseadh. Tha leòn is pian anns gach à ite, ùrachadh a tha tarraing pian, ach sin an saoghal anns a' phà irt seo den fhicheadamh linn.
Tha Anna Frater a' cur ri chèile saoghal ar faireachdainn is saoghal ar breithneachaidh, an taobh a-staigh 's an taobh a-muigh, agus tha iad a' cur faileas no solas air a chèile.
Agus nach math gu bheil bà rdachd a shamhail seo againn, bà rdachd thuigseach thruasail ann an saoghal a tha an còmhnaidh a' sgaradh."
MacFhionnlaigh, F. (Am Foghar 1992) Dà bhana-bhà rd à Leòdhas.
Gairm, 160, td. 363
"Bhiodh e reusanta a rà dh nach do sgrìobh Anne Frater gu leòr fhathast gus beachd chothromach a cheadachadh air a comasan. Tha tlachd gu dearbh ri fhaighinn san obair aice, ach tha sinn fiosrach nach eil innte ach ro-cheòl (prelude) – tha sinn an dòchas – gu obair a là n-abachaidh
Tha mi ag aontachadh le beachd Christopher Whyte gur e "Aig an Fhaing" an dà n as fheà rr a tha Anna Frater air a sgrìobhadh gu ruige seo (cho fada co-dhiù 's a tha mi air a h-obair a leughadh).
Anns an dà n seo tha mise mar leughadair a' faireachdainn cofhurtail agus "aig an taigh", dìreach mar a tha a' bhan-bhà rd fhèin a' faireachdainn aig deireadh an dà in. Tha an dà n a' gluasad gu socair gu nà darra. 'S e tuairisgeul a th' ann, seach an seòrsa samhlachais a chleachd i ann an "Ar Cà nan 's ar Clò" agus "Leasachadh". Tha e "fìorach" (realist) a thaobh stoidhle. Tha sinn a' creidsinn anns an tachartas. Chan eil an dà n a' tighinn eadar sinn fhèin agus an tachartas. Tha sinn a' coimhead tro uinneag shoilleir, 's chan ann "gu dorcha tro ghlainne"."
Anna Frater ag innse carson as e seo an dà n as fhèarr
Crìochnaichaidh mi an taghadh seo le bana-bhà rd eile à Pabail. Tha Anna Frater gu math òg ach tha an obair aice gu math gealltanach. Anns a' bhà rdachd Ar Cà nan 's ar Clò, tha i a' toirt teachdaireachd dhuinn mu ar cà nan ann a bhith a' dèanamh samhla eadar an cà nan agus fasan a thaobh clò. Tha min dòchas nach èirich dhan chà nan againn mar a dh'èirich dhan chlò an seo.
Air adhart gu
CeanglaicheanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.