Na bà rdachd, tha Anna Frater tric a' meòmhrachadh air Leòdhas, an t-eilean dham buin i agus air earrannan sònraichte de dhualchas an eilein agus de dhòigh-beatha là itheil nan daoine. Tha i cuideachd tric a' dèiligeadh na bà rdachd ri cor na Gà idhlig agus nà iseantachd ach tha i uaireannan eile a' leudachadh a seallaidh gu rudan a tha a' tachairt ann am pà irtean eile den t-saoghal.
Bidh Frater cuideachd a' dèiligeadh ri cuid de na ceistean farsaing, moralta a tha fa chomhair dhaoine san latha an-diugh agus ri Cuspairean pearsanta, mar a nà dar fhèin agus gaol.
Tha Anna Frater mar as trice a' cur a smuaintean an cèill tro bhith a' snìomh ìomhaighean ri chèile gu sgileil, uaireannan ga fhà gail aig an leughadair am mìneachadh. Mar as trice tha i a' cleachdadh saor-rannaigheachd.
Co às a bhios na h-ìomhaighean a' tighinn?
Glè thric bho nà dar, uaireannan rudan às na naidheachdan, uaireannan tha mi a' lorg ìomhaigh airson faireachdainn sònraichte agus tha e a' tighinn às an sin. Uaireannan, tha an ìomhaigh ceangailte ris an fhaireachdainn fhèin. Ach glè thric cuideachd bhon choimhearsneachd fhèin, gu h-à raidh na dà in a rinn mi mu dheidhinn na dachaigh, agus mun chà nan. Tha iad a' tighinn bhon choimhearsneachd anns an do dh'fhàs mi suas agus bho beatha là itheil na coimhearsnachd. Tha mi a' faighinn tòrr ìomhaigheachd às an sin.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.