Na bà rdachd, tha Anna Frater tric a' meòmhrachadh air Leòdhas, an t-eilean dham buin i agus air earrannan sònraichte de dhualchas an eilein agus de dhòigh-beatha là itheil nan daoine. Tha i cuideachd tric a' dèiligeadh na bà rdachd ri cor na Gà idhlig agus nà iseantachd ach tha i uaireannan eile a' leudachadh a seallaidh gu rudan a tha a' tachairt ann am pà irtean eile den t-saoghal.
Bidh Frater cuideachd a' dèiligeadh ri cuid de na ceistean farsaing, moralta a tha fa chomhair dhaoine san latha an-diugh agus ri Cuspairean pearsanta, mar a nà dar fhèin agus gaol.
Tha Anna Frater mar as trice a' cur a smuaintean an cèill tro bhith a' snìomh ìomhaighean ri chèile gu sgileil, uaireannan ga fhà gail aig an leughadair am mìneachadh. Mar as trice tha i a' cleachdadh saor-rannaigheachd.
Mar a tha poilitigs a' toirt buaidh oirre
Tha mi smaoineachadh gu bheil e follaiseach san sgrìobhadh agam gur e Nà iseantach a th' annam. Agus leis an sin, tha tòrr an sin nach eil mi riaraichte leis an t-suidheachadh mar a tha e, ged a tha mi nas toilichte am-bliadhna na bha mi thuige seo. Ach a-rithist, chan eil mi a' sgrìobhadh mu dheidhinn poilitigs cho tric 's a bha mi, dìreach an-drà sta 's a-rithist tha rud a' bualadh orm agus tha mi smaoineachdh gu feum mi rudeigin.
Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mi air gluasad a-mach beagan 's chan ann a-mhain a' coimhead ri Alba a tha mi ach ri dè a tha a' tachairt anns an t-saoghal.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.