Na bà rdachd, tha Anna Frater tric a' meòmhrachadh air Leòdhas, an t-eilean dham buin i agus air earrannan sònraichte de dhualchas an eilein agus de dhòigh-beatha là itheil nan daoine. Tha i cuideachd tric a' dèiligeadh na bà rdachd ri cor na Gà idhlig agus nà iseantachd ach tha i uaireannan eile a' leudachadh a seallaidh gu rudan a tha a' tachairt ann am pà irtean eile den t-saoghal.
Bidh Frater cuideachd a' dèiligeadh ri cuid de na ceistean farsaing, moralta a tha fa chomhair dhaoine san latha an-diugh agus ri Cuspairean pearsanta, mar a nà dar fhèin agus gaol.
Tha Anna Frater mar as trice a' cur a smuaintean an cèill tro bhith a' snìomh ìomhaighean ri chèile gu sgileil, uaireannan ga fhà gail aig an leughadair am mìneachadh. Mar as trice tha i a' cleachdadh saor-rannaigheachd.
Tha aon chuspair tric a' nochdadh sna dà in aig Anna
Tha an t-uabhas agam mu dheidhinn gaol agus briseadh cridhe air sgà th 's nach robh mi uabhasach fortanach le na fir, mar a chanas iad. Bha mi a' priobadh air tòrr agus b' ann glè ainneamh a bhiodh duine a' priobadh air ais. Bha mi dìreach ag obrachadh tron sin aig an à m, a' feuchainn ri obrachadh tro na faireachdainnean agam. Ach gu fortanach tha sin air sgur a-nis.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.