
Cha do thòisich Aonghas Dubh, mar as fheà rr a dh'aithnichear e, a' sgrìobhadh bà rdachd ann an Gà idhlig gus an robh e 25 ged a bha e air a bhith ag amas air bà rdachd sa Bheurla a sgrìobhadh grunn bhliadhnaichean ron sin.
Bhon uair sin tha e air cliù a chosnadh dha fhèin mar sgrìobhadair eadar-nà iseanta ag aithris a chuid bhà rdachd ann an dùthchannan cho fad às ri Iapan, Ameireaga, Fionnlainn is Iosarail. Tha e cuideachd air tòrr obair a dhèanamh am measg inbhich agus sgoilearan gam brosnachadh gu bhith ri bà rdachd, gu h-à raidh ann an Dùn Phris is Gall-Ghà idhealaibh far an deach leabhar fhoillseachdh le cruinneachadh den obair a rinn e-fhèin 's na sgoilearan san sgìre.
Tha Aonghas a' dèanamh a bheòshlaint bho bhith a' sgrìobhadh ann an iomadh seagh: bà rdachd, òrain, scriobtaichean rèidio, telebhisean, taigh-cluiche, film agus fiù's opara. B' e aon de na sgrìobhadairean a bh' air am film cliùiteach Seachd a thà inig a-mach ann an 2007 agus tha e air dà libretto a sgrìobhadh, An Turas agus Sgathach. Tha e air grunn leabhraichean fhoillseachadh leis an leabhar as ùire, laoidh an donais òig a' nochdadh ann an 2007.
Tha e air iomadh duais a chosnadh, nam measg Crùn a' Chomuinn Ghà idhealaich aig Mòd Pheairt ann an 2004 agus Duais Stakis airson Sgrìobhadair na Bliadhna ann an 1997.
Tha e pòsta aig a' chleasaiche 's an sgrìobaiche ainmeil Gerda Stevenson. Tha dithis chloinne aca agus tha an dachaigh an-diugh ann an Siorrachd nam Puballan.
Carson as e Aonghas Dubh a th' aig daoine air a' bhà rd?
Nach eil e follaiseach!
Bha mi dubh aon uair, gu math dubh tha mi cinnteach. Agus 's ann dìreach às dath an fhuilt ach bidh mi a' smaoineachadh uaireannan gum biodh e math nam b' urrainn dhomh a rà dh gu robh beagan dhen nà dar agam dubh cuideachd ach chan eil fhios 'am... tha mi ro mheasail air a bhith a' dèanamh gà ire airson sin.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.