Tha grunn de na dà in aig Aonghas MacNeacail air cuspairean traidiseanta mar cà nan, cultar agus dòigh-beatha na Gà idhealtachd, no mun ghaol. Ach bidh e cuideachd a' sgrìobhadh mu cheistean farsaing mar creideamh agus mu nà dar na bà rdachd agus a' mhac-meanmna.
Tha MacNeacail a' cur gu feum ìomhaighean air an tarraing à caochladh dhualchasan, sean agus ùr, na bhà rdachd. Tha e a' cleachdadh rannaigheachd, a-rithist le dreach an dà chuid ùr agus traidiseanta, anns a bheil fuaimneachas là idir agus ritheaman siùbhlach. Glè thric tha e a' cleachdadh nan rudan sin uile còmhla airson saoghal seunta, dìomhair a chruthachadh. Chan eil an còmhnaidh aon smuain shònraichte ag èirigh à dà n à raidh le MacNeacail. Tha e gar fà gail tric le faireachdainn no mothachadh a dh'fhaodas sinn a mhìneachadh ann an diofar dhòighean.
'S e saor-rannaigheachd as motha a bhios am bà rd a' cur gu feum agus tha e ga chleachdadh ann an dòigh ar leth sgileil. Bidh e a' cleachdadh ath-aithris mar seòrsa de shèist agus ruitheaman siùbhlach a tha a' cuimhneachadh dhuinn seann òrain Ghà idhlig leithid nan òran luaidh.
Bidh e cuideachd a' dèanamh feum de choltas an sgrìobhaidh air an duilleig. Mar eisimpleir, 's ann ainneamh a chleachdas e pungachadh mar litrichean mòra no puingean-stad, rud a tha toirt gluasad nas siùbhlaiche dhan bhà rdachd aige.
Mar a bhios Aonghas MacNeacail a' sgrìobhadh dà n
Gu math tric gheibh thu facal, no gheibh thu seantans no gheibh thu dealbh nad inntinn agus bidh mi ag rà dh anns a' Bheurla, 'I write to satisfy the itch at the back of my brain.' Bidh tachais cùl na h-inntinn a' dùsgadh smuain is tha thu an uair sin a' tòiseachadh a sgrìobhadh gus am faigh thu a-mach gu dè a tha agad ri rà dh.
Bidh mi ag rà dh nan trì ceumanan 's e: an tachais air cùl na h-inntinn, dè a tha mi a' feuchainn ri rà dh, agus an uair sin, nuair a tha thu a' tuigsinn, tha fios 'am cà ite bheil seo a' dol, tha thu a' sgrìobhadh ag amas air soilleireachd a ruighinn, gus am bi an dà n cho soilleir 's a ghabhas. Agus 's e an treas pà irt gu math tric am pà irt as fhaide. Sin far am bi thu ag ath-sgrìobhadh is ag ath-sgrìobhadh, is ag ath-sgrìobhadh gus an ruig thu à m far a bheil an rud a tha thu a' feuchainn ri rà dh cho soilleir 's a gheibh thu e a bhith.
Ann an dòigh sin is dòcha an-dòigh as cumanta, a' bhà rdachd a tha a' tighinn às an t-suidheachadh pearsanta. 'S dòcha gu bheil thu a' drà ibheadh sìos an rathad anns a' chà r, is dòcha gu bheil thu ag amharc an tele, tha iomadh suidheachadh anns am faod sin tachairt.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.