Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Aonghas MacNeacail, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
MacThòmais, R. (An t-Earrach 1984) Sireadh Bradain Sicir.
Gairm, 126, td. 191

"'S e leabhar annasach a tha seo. Duine sam bith a tha a' sireadh gliocas, feumaidh e bhith greis mhòr anns an tòir, is a' toirt leis bloighean an-drà sta 's a-rithist mar a thig iad na chòir. 'S cha dèan math dha bhith cinnteach gun do lorg e e.
Tha car dhen aon cheist air feur-leughaidh no fear-sgrùdaidh an leabhair seo. Tha 'n tòir ga thoirt fon an uisge, ann am muir, 's an abhainn, far a bheil iomadh rud annasach mar a chunnaic Mac Mhaighstir Alasdair na latha fhèin. Agus tro na coilltean. Agus cuideachd gu iomallan an t-saoghail – na h-Innsean an Ear agus na h-Innseanaich san Àird an Iar, dhan Ghrèig 's a dh'Èirinn. Chan e nach aithnich duine bradan, ach tha barrachd air an sin ri dhèanamh – an e bradan sicir a th' ann 's ciamar a ghabhas sicireachd aithneachadh.
Chan eil a' cheist cho sìmplidh 's a bha i do Fhionn, oir ged a loisgeadh tu do mheur 's a chuireadh tu nad bheul i, chan eil cinnt sam bith ann gu lean an gliocas rithe. Mar sin chan eil air ach a bhith a' lorg 's a' sireadh, a' coimhead 's a' leughadh, agus is dòcha gun turchair thu air...
Faodaidh tu feadhainn de na beathaichean a lorg anns an dealbh cuideachd, agus tha am bà rd 's an dealbhadair fo chomain dha chèile anns an t-sireadh."
Mac a' Ghobhainn, I. (An t-Earrach 1987) An Seachnadh agus dà in eile.
Gairm, 138, td. 188

"Bu chaomh leam facal no dhà a rà dh an toiseach mu dheidhinn stoidhle na bà rdachd aige a tha air a stèidheachadh an dà chuid air nòs Gà idhlig agus nòs Ameireaganach. Air an adhbhar sin gheibh sinn air an dà rna taobh, dà n coltach ri "Caithris na h-Oidhche" a tha tradiseanta ga leòr ach air an taobh eile sreathan briste coltach ris an fheadhainn a leanas:
'S e guth ùr a tha seo, eu-coltach ri guthan eile anns a' Ghà idhlig, agus tha mi smaoineachadh gur e MacNeacail a-nise bà rd a tha gabhail à ite à rd anns a' ghinealach a tha tighinn às dèidh nan ceathrar mhòr air a bheil gach leughadair eòlach. Tha e toirt sùil gheur gu h-à raidh air a' ghaol agus air nà dar – agus 's iad-san prìomh chuspairean na Gà idhlig ann am bà rdachd.
Tha eadar-theangachaidhean de chuid mhòr den bhà rdachd anns an leabhar agus a bharrachd air an sin tha dà in eile air an eadar-theangachadh gu Gà idhlig bho ealain muinntir ruadh Ameireaga. Tha mi cinnteach gu bheil seo a' ciallachadh gu bheil MacNeacail a' coimhead samhlaidhean eadar an dà chultar agus cuideachd tha mi cinnteach eadar crannchar an dà shluaigh."
MacIlleDhuibh, R. (2 An t-Samhain 2007) Leabhraichean Ùra, laoidh an donais òig
The Scotsman

"Bha bà rdachd MhicNeacail riamh far a bheil Eliot (structar briste) a' coinneachadh ri Rousseau (air ais gu nà dar). Tha pailteas Rousseau san leabhar seo – 's e am bradan an samhla as fheà rr le MacNeacail – ach nas lugha de dh'Eliot. Chaill e ùidh ann an cluich le pà train sgà inte, agus (fo bhuaidh nan libretti a sgrìobh e?) thòisich e dol an rathad eile, gu comhardadh slà n, leithid san òran cèile brèagha a rinn e do Gherda a bhean. Tha an t-atharrachadh seo coltach ri diofar stoidhle dannsa – diosgo gu waltz? Gu dearbh tha MacNeacail dèidheil air dannsa na chuid bhà rdachd, leithid do Gherda "an t-aingeal tha buileach gun ghò / chan fhaigheadh bhuam annasachd / oir b' fheà rr leam do fhrionas, do dheò / do shunnd airson dannsa".
An rud as motha tha ùr ge-tà 's e MacNeacail a' rannsachadh nan crìochan eadar bà rdachd agus rosg, mar a rinn Maoilios Caimbeul cho soirbheachail roimhe: 's e sin, aintighearnas shreathan a dhiùltadh (mar a chaidh aintighearnas rannan a dhiùltadh o chionn fhada) agus ruitheaman a lorg ann an dòighean eile...
Cha do shaoil mi gun robh dad ri rà dh tuilleadh mu phrìomh chuspair bà rdachd MhicThòmais, Mhic a' Ghobhainn 's MhicAmhlaigh, grèim na h-eagalias air inntinn a' Ghà idheil, ach sin dìreach na th' aig MacNeacail san treas dà n dhen t-seòrsa seo, an tionndadh eile, a tha a' tòiseachadh "nuair a dh'fhà g mi a' choinneamh ud" – coinneamh ùrnaigh. Tha e bruidhinn mu a sheann chà irdean sgoile tha nan "dannsairean ciontach sà mhach gun ghà ire / nam bainnsean eadar Bìobaill is teagamh / eadar creideamh is dòchas, eadar cinnt / agus cinnt agus teicheadh, mar chaoraich / eadar faing agus sgian agus soisgeul, mar / òighean gliocais, an cìochan là n shearmoin". Leis na th' aige de dhoimhneachd, de chumhachd lirigidh 's de thuigse air càs mhic an duine, tha seo shuas an siud còmhla ri leithid Am Bodach-Ròcais aig MacThòmais agus Soisgeul 1955 aig MacAmhlaigh. Agus tha e a' sealltainn mar a tha bà rdachd MhicNeacail, a bha math cheana, a' sìor thighinn nas fheà rr."
Aonghas Pà draig Caimbeul ag innse mar a tha sealladh eadar-nà iseanta aig obair Aonghais Dhuibh
B' e Aonghas Dubh mar gum biodh a' chiad duine a dh'fhosgail an doras airson a' ghinealaich ùr, le falt fada dubh, leis an fheusag, le sealladh nan sixties... Bha e eòlach air pop is bha e eòlach air Marilyn Monroe is bha e a' toirt a-steach ìomhaighean Hollywood. Bha e a' toirt a-steach an t-saoghail 's a' ceangal an t-saoghail mhòr ghleansach, telebhisean, fìlm an sin leis an t-seann nòs.
Dhòmhsa agus dha mo ghinealach, rinn e ceangal eadar-nà iseanta le na mion-chà nanan eile agus le mion-chultaran eile. 'S tha pìosan bà rdachd aige ceangailt' is a thog e bho na h-Innseanaich Ruadh, mar eisimpleir, ann an Ameireaga a Tuath a bha uabhasach, uabhasach cudromach shaoil mise ann a bhith a' dèanamh ceangail dhòmhsa agus dha mo leithid, nach robh sinn ann an oisean beag leinn fhèin ach gum buineadh sinn gu h-eadar-nà iseanta.
Tha mi smaointinn an dà rna rud a rinn Aonghas, gun do rinn e an ceangal a bha sin, gu faodadh a' Gà idhlig mar chà nan agus bà rdachd Gà idhlig dèiligeadh le Marilyn Monroe no le Manhattan no New York no cuspair sam bith gu h-eadar-nà iseanta. Ach air cùl sin tha ceist na Gà idhlig fhèin, am bi a' Gà idhlig beò is dè an neart a th' anns a' Ghà idhlig.
Air adhart gu
CeanglaicheanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.