
Cha do thòisich Aonghas Dubh, mar as fheà rr a dh'aithnichear e, a' sgrìobhadh bà rdachd ann an Gà idhlig gus an robh e 25 ged a bha e air a bhith ag amas air bà rdachd sa Bheurla a sgrìobhadh grunn bhliadhnaichean ron sin.
Bhon uair sin tha e air cliù a chosnadh dha fhèin mar sgrìobhadair eadar-nà iseanta ag aithris a chuid bhà rdachd ann an dùthchannan cho fad às ri Iapan, Ameireaga, Fionnlainn is Iosarail. Tha e cuideachd air tòrr obair a dhèanamh am measg inbhich agus sgoilearan gam brosnachadh gu bhith ri bà rdachd, gu h-à raidh ann an Dùn Phris is Gall-Ghà idhealaibh far an deach leabhar fhoillseachdh le cruinneachadh den obair a rinn e-fhèin 's na sgoilearan san sgìre.
Tha Aonghas a' dèanamh a bheòshlaint bho bhith a' sgrìobhadh ann an iomadh seagh: bà rdachd, òrain, scriobtaichean rèidio, telebhisean, taigh-cluiche, film agus fiù's opara. B' e aon de na sgrìobhadairean a bh' air am film cliùiteach Seachd a thà inig a-mach ann an 2007 agus tha e air dà libretto a sgrìobhadh, An Turas agus Sgathach. Tha e air grunn leabhraichean fhoillseachadh leis an leabhar as ùire, laoidh an donais òig a' nochdadh ann an 2007.
Tha e air iomadh duais a chosnadh, nam measg Crùn a' Chomuinn Ghà idhealaich aig Mòd Pheairt ann an 2004 agus Duais Stakis airson Sgrìobhadair na Bliadhna ann an 1997.
Tha e pòsta aig a' chleasaiche 's an sgrìobaiche ainmeil Gerda Stevenson. Tha dithis chloinne aca agus tha an dachaigh an-diugh ann an Siorrachd nam Puballan.
Mar a thug an togail a fhuair e buaidh air a sgrìobhadh
Mar a tha thu ag èirigh suas tha thu a' smaoineachadh, dè th' annam-sa ach mac croiteir. Dè th' ann an croitearachd ach dòigh beatha gu math cumanta. Chan eil cà il à raid mu dheidhinn leithid de dhòigh beatha. Uill, bha m' athair aig muir 's chaochail e nuair a bha mise gu math òg, ach a bheil fios agad, maraireachd is croiteareachd, cha robh mi a' faicinn cà il neo-à bhaisteach mun dheidhinn. Ach thòisich mi an uair sin a' smaointinn mu na daoine is rud eile air an robh mi mothachail, bha an dòigh beatha a' dol à bith. Bha mi a' faicinn gu robh an cà nan a' sìor chrìonadh, bha na daoine a' sìor fàs seann, bha na daoine òga mar mi fhèin is a h-uile duine eile a' togail orra air falbh.
Tha cuimhne agam criomag bheag de bhà rdachd a rinn mi nach deach a-riamh dhan leabhar ach bha na faclan, 'Born with the shell of exile on their backs'. Bhon à m a rugadh tu, tha thu gu bhith deasachadh airson falbh co-dhiù dhan oilthigh, nursaigeadh, dha na poileis, saorsanachd. Bha a' mhòr-chuid de na daoine às na h-eileanan, bha iad a' togail orra a dh'à itichean eile agus thug sin mar gum biodh cuspairean dhomh. Agus thòisich mi a' sgrìobhadh mu na daoine a b' aithne dhomh, na daoine air an robh cuimhne agam, cuid de na dà in mu dheidhinn daoine a b' aithne dhomh ged a dh'atharraich mi an ainm no dh'atharraich mi an cruth, is cuid eile mu dheidhinn daoine a dh'fhaodadh a bhith coltach ris an fheadhainn a b'aithne dhomh. Mar a tha duine a' sgrìobhadh nobhail, tha thu gu math tric a' dol an sàs ann an rudan air a bheil thu eòlach ach gu bheil thu a' cur cruth eile oirre.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.