
Cha do thòisich Aonghas Dubh, mar as fheà rr a dh'aithnichear e, a' sgrìobhadh bà rdachd ann an Gà idhlig gus an robh e 25 ged a bha e air a bhith ag amas air bà rdachd sa Bheurla a sgrìobhadh grunn bhliadhnaichean ron sin.
Bhon uair sin tha e air cliù a chosnadh dha fhèin mar sgrìobhadair eadar-nà iseanta ag aithris a chuid bhà rdachd ann an dùthchannan cho fad às ri Iapan, Ameireaga, Fionnlainn is Iosarail. Tha e cuideachd air tòrr obair a dhèanamh am measg inbhich agus sgoilearan gam brosnachadh gu bhith ri bà rdachd, gu h-à raidh ann an Dùn Phris is Gall-Ghà idhealaibh far an deach leabhar fhoillseachdh le cruinneachadh den obair a rinn e-fhèin 's na sgoilearan san sgìre.
Tha Aonghas a' dèanamh a bheòshlaint bho bhith a' sgrìobhadh ann an iomadh seagh: bà rdachd, òrain, scriobtaichean rèidio, telebhisean, taigh-cluiche, film agus fiù's opara. B' e aon de na sgrìobhadairean a bh' air am film cliùiteach Seachd a thà inig a-mach ann an 2007 agus tha e air dà libretto a sgrìobhadh, An Turas agus Sgathach. Tha e air grunn leabhraichean fhoillseachadh leis an leabhar as ùire, laoidh an donais òig a' nochdadh ann an 2007.
Tha e air iomadh duais a chosnadh, nam measg Crùn a' Chomuinn Ghà idhealaich aig Mòd Pheairt ann an 2004 agus Duais Stakis airson Sgrìobhadair na Bliadhna ann an 1997.
Tha e pòsta aig a' chleasaiche 's an sgrìobaiche ainmeil Gerda Stevenson. Tha dithis chloinne aca agus tha an dachaigh an-diugh ann an Siorrachd nam Puballan.
Mar a chur e eòlas air bà rdachd Gà idhlig
An aon leabhar a bh'againne as cuimhne leamsa, 's e µþà °ù»å²¹³¦³ó»å Ghà idhlig le MacBhatair. Agus cha robh cà il na b'fhaisg oirnn na toiseach an naoidheamh linn deug. Cha robh Mà iri Mhòr no Gobha na Hearadh no na daoine sin, no bà ird an ficheadamh linn, cha robh iad air am faicinn math gu leòr. Agus ged a bha na fìor bhà ird, Mac Mhaighstir Alasdair, Donnchadh Bà n, Uilleam Ross is daoine mar sin ann, bha iad car tomadach is trom do dhaoine òga anns an sgoil.
'S mar sin, nuair a thòisich mise a' sgrìobhadh, cha do smaoinich mi air sgrìobhadh anns a' Ghà idhlig. B' ann caran mun aon à m 's a thòisich mi a' sgrìobhadh bà rdachd le comhairle Hobsbawm. Bha mi air a dhol dhan Cholaiste Ghà idhlig ann an Langside ann an Glaschu, far an do choinnich mi ri duine iomraiteach ann an sin, Ruairidh MacNèill a bha a' teagaisg Cruinn-eòlas anns a' cholaiste là n ùine ach air an oidhche bha e a' teagaisg Gà idhlig. B' e duine air leth a bh' ann, Barrach. B' e duine mìorbhaileach a bh' ann an Ruairidh. Chan eil e beò an-diugh gu mì-fhortanach. Ach b' e esan le Rhoneo is Xerox, fada mus robh photocopy no print-out no cà il ann, bha na peantaichean a bha seo air an sgrìobhadh air an duilleig phinc no phurpaidh agus bha fà ileadh là idir dheth. 'S e alcohol a tha mi a' smaoineachadh a bha anns a' mheasgachadh de stuth - chuireadh e an deoch ort ma bha an rùm ro theann leis an fhà ileadh a bh' air.
Ach air na duilleagan a bha seo, bha a' bhà rdachd aig Somhairle MacGill-Eain, a' bhà rdachd aig Ruaraidh MacThòmais, aig Iain Mac A' Ghobhainn, aig Dòmhnall MacAmhlaigh. Chan eil cuimhne agam an robh Mac Iain Dheòrsa ann cuideachd, Deòrsa Caimbeul Hay, ach bha bà ird beò anns an linn againn fhèin, a' sgrìobhadh agus bha sin na dhùsgadh eagalach dhòmhsa. Tha bà rdachd beò fhathast anns a' Ghà idhlig. 'S e Gà idheal a th' annamsa, tha mi a' feuchainn ri bà rdachd a sgrìobhadh. Tha seo a' toirt cead dhòmhsa a bhith a' sgrìobhadh anns a' Ghà idhlig agus sin far an do thòisich mise. Bha mi mu chòig bliadhna fichead nuair a thòisich mi ri bà rdachd de sheòrsa sam bith a sgrìobhadh anns a' Ghà idhlig, ach bha mi fhathast a' faicinn na bà rdachd Bheurla mar gum biodh a' phrìomh shruth. Bha a' bhà rdachd Ghà idhlig fhathast na cleas caran prìobhaideach. B' e bà rdachd gaoil a bu mhotha a bha mi a' dèanamh aig an à m agus cha robh mi a' faicinn na Gà idhlig fhathast cho cudromach ris a' Bheurla.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.