Tha grunn de na dà in aig Aonghas MacNeacail air cuspairean traidiseanta mar cà nan, cultar agus dòigh-beatha na Gà idhealtachd, no mun ghaol. Ach bidh e cuideachd a' sgrìobhadh mu cheistean farsaing mar creideamh agus mu nà dar na bà rdachd agus a' mhac-meanmna.
Tha MacNeacail a' cur gu feum ìomhaighean air an tarraing à caochladh dhualchasan, sean agus ùr, na bhà rdachd. Tha e a' cleachdadh rannaigheachd, a-rithist le dreach an dà chuid ùr agus traidiseanta, anns a bheil fuaimneachas là idir agus ritheaman siùbhlach. Glè thric tha e a' cleachdadh nan rudan sin uile còmhla airson saoghal seunta, dìomhair a chruthachadh. Chan eil an còmhnaidh aon smuain shònraichte ag èirigh à dà n à raidh le MacNeacail. Tha e gar fà gail tric le faireachdainn no mothachadh a dh'fhaodas sinn a mhìneachadh ann an diofar dhòighean.
'S e saor-rannaigheachd as motha a bhios am bà rd a' cur gu feum agus tha e ga chleachdadh ann an dòigh ar leth sgileil. Bidh e a' cleachdadh ath-aithris mar seòrsa de shèist agus ruitheaman siùbhlach a tha a' cuimhneachadh dhuinn seann òrain Ghà idhlig leithid nan òran luaidh.
Bidh e cuideachd a' dèanamh feum de choltas an sgrìobhaidh air an duilleig. Mar eisimpleir, 's ann ainneamh a chleachdas e pungachadh mar litrichean mòra no puingean-stad, rud a tha toirt gluasad nas siùbhlaiche dhan bhà rdachd aige.
A' cleachdadh puingeachadh neo-Ă bhaisteach?
Cha mhi a' chiad duine a chleachd an stoidhle sin agus tha mi cinnteach gu bheil gu leòr eile ga dhèanamh an-diugh. Ach feumaidh mi rà dh, nuair a thòisich mi air, cha robh mi eòlach air mòran a bha ga dhèanamh ach E. E. Cummings, am bà rd Ameireaganach. Ach thà inig e thugam. Cha robh mise a' dol a dhèanamh rud ann an nòs E. E. Cummings air sgà th 's gun do rinn E. E. Cummings e.
Tha mi a' smaoineachadh gur dòcha gur ann le a bhith ag obair eadar an dà chà nan. Le bhith ag obair eadar an dà chà nan, b' e a' chiad rud a bhuail orm nuair a tha thu a' sgrìobhadh anns a' Bheurla agus ag rà dh mi, tha thu ag radh "I". Tha capital ann an sin. Ach nuair a tha thu a' sgrìobhadh "you", chan eil. 'S tha e mar gum biodh tu ag rà dh, uill tha mise cudromach ach chan eil thusa. Bha e cho sìmplidh ri sin.
An uair sin thòisich mi smaoineachadh nuair a tha thu a' tòiseachadh seantans, chan eil thu a' fuaimneachadh a' chiad litir ann am facal, nas motha na faclan eile. Nuair a tha thu ag ainmeachadh pearsa eile, chan eil thu a' dèanamh fuaim a bharrachd airson a' chiad litir agus 's e seòrsa de deamocrasaidh nan litir a bhith a-mach air dhomh fhèin an toiseach.
Tha thu a' coimhead airson rithim. Tha a' cheart uimhir de rithimeachd ann am bà rdachd anns an nòs ùr 's a gheibh thu ann am bà rdachd san t-seann nòs ach 's e diofar seòrsaichean rithim. Bidh mise a' dèanamh òrain anns an t-seann nòs a bharrachd air a' bhà rdachd anns an nòs ùr, agus tha fhios 'am gu feum na ruitheaman a bhith rèidh le chèile airson òran. Ach ann am bà rdachd anns an nòr ùr, tha thu a' coimhead airson ruitheaman cuideachd.
Ma tha rud mì-chofhurtail ri rà dha, tha fios agamsa nach eil e ceart dhòmhsa. Feumaidh mi atharrachadh gus am faigh mi ruitheam ceart. Is mar sin, tha e na phà irt den dòigh anns a bheil na faclan air an cur sìos air pà ipear, a' dol bho loidhne gu loidhne. Cleachdaidh mi beà rn seach puing, mar gum biodh. Ma tha beà rn eadar faclan, gabh tà mhan beag fhad 's a tha thu ga leughadh is rudan mar sin.
Air adhart gu
µţĂ °ů»ĺ˛ął¦łó»ĺÂé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.