Tha grunn de na dà in aig Aonghas MacNeacail air cuspairean traidiseanta mar cà nan, cultar agus dòigh-beatha na Gà idhealtachd, no mun ghaol. Ach bidh e cuideachd a' sgrìobhadh mu cheistean farsaing mar creideamh agus mu nà dar na bà rdachd agus a' mhac-meanmna.
Tha MacNeacail a' cur gu feum ìomhaighean air an tarraing à caochladh dhualchasan, sean agus ùr, na bhà rdachd. Tha e a' cleachdadh rannaigheachd, a-rithist le dreach an dà chuid ùr agus traidiseanta, anns a bheil fuaimneachas là idir agus ritheaman siùbhlach. Glè thric tha e a' cleachdadh nan rudan sin uile còmhla airson saoghal seunta, dìomhair a chruthachadh. Chan eil an còmhnaidh aon smuain shònraichte ag èirigh à dà n à raidh le MacNeacail. Tha e gar fà gail tric le faireachdainn no mothachadh a dh'fhaodas sinn a mhìneachadh ann an diofar dhòighean.
'S e saor-rannaigheachd as motha a bhios am bà rd a' cur gu feum agus tha e ga chleachdadh ann an dòigh ar leth sgileil. Bidh e a' cleachdadh ath-aithris mar seòrsa de shèist agus ruitheaman siùbhlach a tha a' cuimhneachadh dhuinn seann òrain Ghà idhlig leithid nan òran luaidh.
Bidh e cuideachd a' dèanamh feum de choltas an sgrìobhaidh air an duilleig. Mar eisimpleir, 's ann ainneamh a chleachdas e pungachadh mar litrichean mòra no puingean-stad, rud a tha toirt gluasad nas siùbhlaiche dhan bhà rdachd aige.
Na cuspairean as trìc a tha a' nochdadh sna dà in aige
Tha mi cinnteach an fheadhainn as cumanta a tha daoine a' faicinn, 's e nà dar agus gaol. Bidh creideamh na cuspair ris am bi mi a' faireachdainn gu feum mi dèiligeadh. Chan e bà rdachd crà bhaidh agus chan eil mi cruaidh an aghaidh creideimh.
Bidh mi caran iomagaineach mu dheidhinn nuair a chluinneas mi daoine ag rà dh, ag èisteachd ri Smuain na Maidne, 's nuair a chluinneas mi daoine ag rà dh, an fhìrinn. Bidh mi an còmhnaidh a' smaoineachadh, uill fuirich a bhalaich, cò an fhìrinn? An e an fhìrinn agadsa no an fhìrinn aig do nà baidh aig a bheil beachd rud beag eadar-dhealaichte air an aon chuspair. Tha fios 'am dè a tha iad a' ciallachadh agus 's e facal cumanta a th' ann. Ach do sgrìobhadair, do bhà rd a tha a' tomhais a h-uile facal, ma tha thu a' cleachdadh facal mar an fhìrinn, tha thu ag rà dh, dè mar a tha cuideigin a tha a' leantainn Buddha ga fhaicinn, dè mar a tha cuideigin a tha na Iùdhach, na Islamach, agus an iomadh sruth a tha anns a' chreideamh Chrìosdaidh fhèin, an fheadhainn nach eil a' creidsinn ann an Dia idir? Feumar gabhail ris gu bheil a h-uile sruth a tha sin onarach dhaibh p'fhèin. Bidh sin 's dòcha a' bualadh air mo smuaintean aig amannan cuideachd.
Ach gu h-à raidh, 's dòcha poilitigs, poilitigs a' chà nain agus cainnt fhèin. 'S ann anns a' Bheurla is dòcha a tha mi nas buailtiche a bhith a-mach air cainnt, ma tha mi a' faicinn faclan mar "friendly fire". Ma tha thusa nad sheasamh air faiche cogaidh is gunna bhon taobh agad fhèin a' toirt sgleog dhut, chan eil e uabhasach friendly idir!
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.