Tha grunn de na dà in aig Aonghas MacNeacail air cuspairean traidiseanta mar cà nan, cultar agus dòigh-beatha na Gà idhealtachd, no mun ghaol. Ach bidh e cuideachd a' sgrìobhadh mu cheistean farsaing mar creideamh agus mu nà dar na bà rdachd agus a' mhac-meanmna.
Tha MacNeacail a' cur gu feum ìomhaighean air an tarraing à caochladh dhualchasan, sean agus ùr, na bhà rdachd. Tha e a' cleachdadh rannaigheachd, a-rithist le dreach an dà chuid ùr agus traidiseanta, anns a bheil fuaimneachas là idir agus ritheaman siùbhlach. Glè thric tha e a' cleachdadh nan rudan sin uile còmhla airson saoghal seunta, dìomhair a chruthachadh. Chan eil an còmhnaidh aon smuain shònraichte ag èirigh à dà n à raidh le MacNeacail. Tha e gar fà gail tric le faireachdainn no mothachadh a dh'fhaodas sinn a mhìneachadh ann an diofar dhòighean.
'S e saor-rannaigheachd as motha a bhios am bà rd a' cur gu feum agus tha e ga chleachdadh ann an dòigh ar leth sgileil. Bidh e a' cleachdadh ath-aithris mar seòrsa de shèist agus ruitheaman siùbhlach a tha a' cuimhneachadh dhuinn seann òrain Ghà idhlig leithid nan òran luaidh.
Bidh e cuideachd a' dèanamh feum de choltas an sgrìobhaidh air an duilleig. Mar eisimpleir, 's ann ainneamh a chleachdas e pungachadh mar litrichean mòra no puingean-stad, rud a tha toirt gluasad nas siùbhlaiche dhan bhà rdachd aige.
Tha bhà rdachd aige eadar an t-seann nòs 's an nòs ùr
'S e an diofar eadar bà rdachd anns an t-seann nòis agus bà rdachd anns an nòs ùir, gu bheil bà rdachd anns an t-seann nòis gu buileach airson na cluais. Agus gu dearbha, an dòigh a tha e anns a' chruth anns a bheil e, 's ann airson 's gu bheil e nas fhasa a chuimhneachadh ma tha e ann an sreathan a tha rèidh ri chèile agus fuaimneachadh is eile. Tha sin a' cuideachdadh le cuimhneachadh air pìos bà rdachd.
Chan eil uiread de dh'fheum air cuimhne le bà rdachd a' phà ipeir. Ach tha e cuideachd na chofhurtachd dhòmhsa gu bheil e math ri chluinntinn. 'S toigh leamsa a bhith a' smaoineachadh gu bheil a' cheart uiread de thlachd anns an èisteachd ris a' bhà rdachd anns an nòs ùir 's a th' anns a' bhà rdachd anns an t-seann nòis.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.