SgrĂądadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhĂ rdachd
Ă’ran do dh'Ameireaga
- Gu bheil mi am ònrachd sa choille ghruamaich,
- Mo smuaintean luaineach, cha tog mi fonn:
- Fhuair mi an t-Ă it' seo an aghaidh nĂ dair,
- Gun thrèig gach tà lant a bha nam cheann;
- Cha dèan mi òran a chur air dòigh ann,
- An uair nì mi tòiseachadh bidh mi trom;
- Chaill mi a' GhĂ idhlig seach mar a b' Ă 'ist dhomh
- An uair a bha mi san dĂąthaich thall.
- Chan fhaigh mi m' inntinn leam ann an òrdugh,
- Ged bha mi eòlach air dèanamh rann;
- Is e mheudaich bròn dhomh 's a lùghdaich sòlas
- Gun duine còmhla rium a nì rium cainnt;
- Gach là is oidhche is gach car a nì mi,
- Gum bi mi cuimhneachadh anns gach Ă m
- An tìr a dh'fhà g mi tha an taic an t-sà ile,
- Ged tha mi 'n-drast' ann am brĂ ighe ghleann.
- Chan iongnadh dhòmhsa ged tha mi brònach,
- Is ann tha mo chòmhnaidh air cùl nam beann,
- Am meadhan fĂ saich air Abhainn BhĂ rnaidh,
- Gun dad as fheĂ rr na buntĂ ta lom;
- Mun dèan mi à iteach 's mun tog mi bà rr ann
- Is a' choille ghĂ bhaidh chur Ă s a bonn,
- Le neart mo ghĂ irdein gum bi mi sĂ raichte,
- Is treis' air fĂ ilinn mum fĂ s a' chlann.
- Is i seo an dĂąthaich sa bheil an cruadal
- Gun fhios don t-sluagh a tha tighinn a-nall;
- Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a' bhuairidh
- A rinn le an tuaraisgeul ar toirt ann!
- Ma nì iad buannachd, cha mhair i buan dhaibh;
- Cha dèan i suas iad, 's chan iongnadh leam,
- Is gach mallachd truaghain a bhios gan ruagadh
- Bhon chaidh am fuadach a chur fon ceann.
- Bidh gealladh lĂ idir ga thoirt an trĂ th sin,
- Bidh cliĂą an Ă ite ga chur am meud;
- Bidh iad ag rĂ idhtinn gu bheil bhur cĂ irdean
- Gu sona sà idhbhir gun dad a dh'èis;
- Gach naidheachd mheallta ga toirt gur n-ionnsaigh-se
- Feuch an sanntaich sibh dol nan dèidh –
- Ma thig sibh sà bhailt', nuair chì sibh à dsan,
- Chan fheà rr na stà tachan na sibh fèin.
- An uair thèid na dròbhairean sin gur n-iarraidh,
- Is ann leis na breugan a nì iad feum,
- Gun fhacal fìrinne bhith ga innse,
- Is an cridh' a' dìteadh na their am beul;
- Ri cur am fiachaibh gu bheil san tìr seo
- Gach nì as prìseile tha fon ghrèin –
- An uair thig sibh innte, gur beag a chì sibh
- Ach coille dhìreach toirt dhibh an speur.
- An uair thig an geamhradh is Ă m na DĂąbhlachd,
- Bidh sneachd a' dlĂąthadh ri cĂąl nan geug,
- Is gu domhainn dĂąmhail dol thar na glĂąine,
- Is ge math an triùbhsair, cha dèan i feum
- Gun stocainn dhĂąbailt sa mhocais chlĂądaich
- Bhios air a dùnadh gu dlùth le èill:
- B' e am fasan Ăąr dhuinn a cosg le fionntach
- Mar chaidh a rùsgadh den bhrùid an-dè.
- An uair thig an samhradh 's am mìosa Cèitein,
- Bidh teas na grèine gam fhà gail fann;
- Gun cuir i spèirid sa h-uile creutair
- A bhios fo èislean air feadh nan toll;
- Na mathain bhèisteil, gun dèan iad èirigh
- Dhol feadh an treud, is gur mòr an call;
- Is a' chuileag ìneach gu socach puinnseanta
- Gam lot gu lìonmhor le rinn a lainn.
- Ge mòr an seanchas a bh' aca an Albainn,
- Tha a' chùis a' dearbhadh nach robh e fìor:
- Na dolair ghorma, chan fhaic mi falbh iad,
- Ged bha iad ainmeil a bhith san tìr;
- Ma nìtear bargain, chan fhaighear airgead,
- Ged 's èiginn ainmeachadh anns a' phrìs;
- Ma gheibhear cunnradh air feadh nam bĂąthan,
- Gam pà ighear null e le flùr no ìm.
- Chan fhaigh mi innse dhuibh ann am GhĂ idhlig,
- Cha dèan mo nà dar a chur air dòigh,
- Gach fios a b' Ă ill leam thoirt do na cĂ irdean
- San tìr a dh' fhà g mi, rinn m' à rach òg;
- Gach aon e leughas e, tuigibh reusan,
- Is na tugaibh èisteachd do luchd a' bhòst,
- Na fà idhean brèige a bhios gur teumadh,
- Gun aca spèis dhibh ach dèidh bhur n-òir.
- Ged bhithinn dìcheallach ann an sgrìobhadh,
- Gun gabhainn mìosa ris agus còrr
- Mun cuirinn crìoch air na bheil air m' inntinn
- Is mun tugainn dhuibh e le cainnt mo bheòil;
- Tha mulad dìomhair an dèidh mo lìonadh,
- On is èiginn strìochdadh an seo rim bheò,
- Aig bheag thoil-inntinn sa choille chruinn seo,
- Gun duine faighneachd an seinn mi ceòl.
- Cha b' e sin m' Ă bhaist an tĂąs mo lĂ ithean,
- Is ann bhithinn rà bhartach aig gach bòrd,
- Gu cridheil sunndach an comann cĂąirteil
- A' ruith ar n-Ăąine gun chĂąram oirnn;
- An uair thug mi cĂąl ribh bha mi gur n-ionndrainn,
- Gun shil mo shùilean gu dlùth le deòir,
- Air moch Diardaoin a' dol seach an Caolas
- Is an long fo h-aodach 's a' ghaoth on chòrs'.
Ă’ran do dh'Ameireaga
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhĂ rdachd
