Âé¶ąÉç

19mh linn / Iain MacIlleathain

µţĂ °ů»ĺ˛ął¦łó»ĺ - Ă’ran do dh'Ameireaga

Tha argamaid leantainneach a' ruith tron dàn seo a tha am bàrd a' cur tarsainn ann an dòigh shoilleir, làidir ach tha fhaireachdainnean pearsanta fhèin a' tighinn troimhe cuideachd, rud a tha a' neartachadh na bàrdachd gu mòr.


Às dèidh innse mu staid inntinn fhèin (airson notaichean air an seo cliog air Pearsanta), tha MacIlleathain ag innse mun chruadal a choinnich ris fhèin agus an luchd-imrich eile (cliog air Cruadal airson seo). 'S e an teachdaireachd aige – agus prìomh adhbhar an dàin - gun deach am mealladh agus gum bu chòir do Ghàidheil aig an taigh a bhith air am faiceall air sgàth sin (cliog air Mealladh).


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Ă’ran do dh'Ameireaga

  • Gu bheil mi am ònrachd sa choille ghruamaich,
  • Mo smuaintean luaineach, cha tog mi fonn:
  • Fhuair mi an t-Ă it' seo an aghaidh nĂ dair,
  • Gun thrèig gach tĂ lant a bha nam cheann;
  • Cha dèan mi òran a chur air dòigh ann,
  • An uair nì mi tòiseachadh bidh mi trom;
  • Chaill mi a' GhĂ idhlig seach mar a b' Ă 'ist dhomh
  • An uair a bha mi san dĂąthaich thall.
  • Chan fhaigh mi m' inntinn leam ann an òrdugh,
  • Ged bha mi eòlach air dèanamh rann;
  • Is e mheudaich bròn dhomh 's a lĂąghdaich sòlas
  • Gun duine còmhla rium a nì rium cainnt;
  • Gach lĂ  is oidhche is gach car a nì mi,
  • Gum bi mi cuimhneachadh anns gach Ă m
  • An tìr a dh'fhĂ g mi tha an taic an t-sĂ ile,
  • Ged tha mi 'n-drast' ann am brĂ ighe ghleann.
  • Chan iongnadh dhòmhsa ged tha mi brònach,
  • Is ann tha mo chòmhnaidh air cĂąl nam beann,
  • Am meadhan fĂ saich air Abhainn BhĂ rnaidh,
  • Gun dad as fheĂ rr na buntĂ ta lom;
  • Mun dèan mi Ă iteach 's mun tog mi bĂ rr ann
  • Is a' choille ghĂ bhaidh chur Ă s a bonn,
  • Le neart mo ghĂ irdein gum bi mi sĂ raichte,
  • Is treis' air fĂ ilinn mum fĂ s a' chlann.
  • Is i seo an dĂąthaich sa bheil an cruadal
  • Gun fhios don t-sluagh a tha tighinn a-nall;
  • Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a' bhuairidh
  • A rinn le an tuaraisgeul ar toirt ann!
  • Ma nì iad buannachd, cha mhair i buan dhaibh;
  • Cha dèan i suas iad, 's chan iongnadh leam,
  • Is gach mallachd truaghain a bhios gan ruagadh
  • Bhon chaidh am fuadach a chur fon ceann.
  • Bidh gealladh lĂ idir ga thoirt an trĂ th sin,
  • Bidh cliĂą an Ă ite ga chur am meud;
  • Bidh iad ag rĂ idhtinn gu bheil bhur cĂ irdean
  • Gu sona sĂ idhbhir gun dad a dh'èis;
  • Gach naidheachd mheallta ga toirt gur n-ionnsaigh-se
  • Feuch an sanntaich sibh dol nan dèidh –
  • Ma thig sibh sĂ bhailt', nuair chì sibh Ă dsan,
  • Chan fheĂ rr na stĂ tachan na sibh fèin.
  • An uair thèid na dròbhairean sin gur n-iarraidh,
  • Is ann leis na breugan a nì iad feum,
  • Gun fhacal fìrinne bhith ga innse,
  • Is an cridh' a' dìteadh na their am beul;
  • Ri cur am fiachaibh gu bheil san tìr seo
  • Gach nì as prìseile tha fon ghrèin –
  • An uair thig sibh innte, gur beag a chì sibh
  • Ach coille dhìreach toirt dhibh an speur.
  • An uair thig an geamhradh is Ă m na DĂąbhlachd,
  • Bidh sneachd a' dlĂąthadh ri cĂąl nan geug,
  • Is gu domhainn dĂąmhail dol thar na glĂąine,
  • Is ge math an triĂąbhsair, cha dèan i feum
  • Gun stocainn dhĂąbailt sa mhocais chlĂądaich
  • Bhios air a dĂąnadh gu dlĂąth le èill:
  • B' e am fasan Ăąr dhuinn a cosg le fionntach
  • Mar chaidh a rĂąsgadh den bhrĂąid an-dè.
  • An uair thig an samhradh 's am mìosa Cèitein,
  • Bidh teas na grèine gam fhĂ gail fann;
  • Gun cuir i spèirid sa h-uile creutair
  • A bhios fo èislean air feadh nan toll;
  • Na mathain bhèisteil, gun dèan iad èirigh
  • Dhol feadh an treud, is gur mòr an call;
  • Is a' chuileag ìneach gu socach puinnseanta
  • Gam lot gu lìonmhor le rinn a lainn.
  • Ge mòr an seanchas a bh' aca an Albainn,
  • Tha a' chĂąis a' dearbhadh nach robh e fìor:
  • Na dolair ghorma, chan fhaic mi falbh iad,
  • Ged bha iad ainmeil a bhith san tìr;
  • Ma nìtear bargain, chan fhaighear airgead,
  • Ged 's èiginn ainmeachadh anns a' phrìs;
  • Ma gheibhear cunnradh air feadh nam bĂąthan,
  • Gam pĂ ighear null e le flĂąr no ìm.
  • Chan fhaigh mi innse dhuibh ann am GhĂ idhlig,
  • Cha dèan mo nĂ dar a chur air dòigh,
  • Gach fios a b' Ă ill leam thoirt do na cĂ irdean
  • San tìr a dh' fhĂ g mi, rinn m' Ă rach òg;
  • Gach aon e leughas e, tuigibh reusan,
  • Is na tugaibh èisteachd do luchd a' bhòst,
  • Na fĂ idhean brèige a bhios gur teumadh,
  • Gun aca spèis dhibh ach dèidh bhur n-òir.
  • Ged bhithinn dìcheallach ann an sgrìobhadh,
  • Gun gabhainn mìosa ris agus còrr
  • Mun cuirinn crìoch air na bheil air m' inntinn
  • Is mun tugainn dhuibh e le cainnt mo bheòil;
  • Tha mulad dìomhair an dèidh mo lìonadh,
  • On is èiginn strìochdadh an seo rim bheò,
  • Aig bheag thoil-inntinn sa choille chruinn seo,
  • Gun duine faighneachd an seinn mi ceòl.
  • Cha b' e sin m' Ă bhaist an tĂąs mo lĂ ithean,
  • Is ann bhithinn rĂ bhartach aig gach bòrd,
  • Gu cridheil sunndach an comann cĂąirteil
  • A' ruith ar n-Ăąine gun chĂąram oirnn;
  • An uair thug mi cĂąl ribh bha mi gur n-ionndrainn,
  • Gun shil mo shĂąilean gu dlĂąth le deòir,
  • Air moch Diardaoin a' dol seach an Caolas
  • Is an long fo h-aodach 's a' ghaoth on chòrs'.

Ă’ran do dh'Ameireaga

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhĂ rdachd


Teacsa

Wilma NicUalraig ag aithris Ă’ran do dh'Ameireaga

Wilma NicUalraig ag aithris an dĂ n, Ă’ran do dh'Ameireaga.

DĂ in Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain MacIlleathain

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶ąÉç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.