
B' e miseanaraidh san Eaglais Shaor a bh' ann an athair Mhaoilios agus ri linn sin, chuir e seachad òige ann an iomadh à ite, nam measg An t-Eilean Sgitheanach, Leòdhas agus Siorrachd Inbhir Nis.
Chaidh e dhan Chabhlach Mharsantach nuair a bha e 16 bliadhna agus thug sin dha an cothrom mòran dhùthchannan den t-saoghal fhaicinn. Bha Maoilios còrr air 26 bliadhna mus do dh'ionnsaich e sgrìobhadh ann an Gà idhlig (ged a bha e air là n chomais a bruidhinn 's a leughadh) agus bha e còrr is 30 bliadhna nuair a cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èideann is Colaiste Chnoc Iordain 's a chaidh e a theagaisg Gà idhlig. Bha e a' teagaisg ann an Àrd-sgoil Thobar Mhoire ann am Muile agus an uair sin ann an Geà rrloch.
Tha 6 leabhraichean den bhà rdachd aig Maoilios air fhoillseachadh: Eileanan (1980), Bailtean (1987), A' Cà radh an Rathaid (1988), A' Gabhail Ris (1994), Saoghal Ùr (2002) agus am fear as ùire, Breac a' Mhuiltein (2007), cruinneachadh den bhà rdachd aige bho 1974 le eadar-theangachadh gu Gaeilge na h-Èireann.
A bharrachd air bà rdachd, tha Maoilios cuideachd aithnichte airson a bhith a' sgrìobhadh rosg agus nobhailean do chlann agus deugairean, nam measg Clann a' Phroifeasair (1988) agus Iain agus na Drogaichean (1993).
Tha e air iomadh duais a chosnadh airson sgrìobhadh, agus tha aithne air a chuid sgrìobhaidhean gu h-eadar-nà iseanta agus ann an Alba. Choisinn e Crùn a' Chomuinn Ghà idhealaich ann an 2002 agus 's e Sgrìobhadair Ionad Nà iseanta na Gà idhlig agus a Cultair, Sabhal Mòr Ostaig, airson a' bhliadhna 2008.
Chaidh fhastadh mar Sgrìobhadair gu pròiseact a chuir Urras Shomhairle air bhonn ann am Bliadhna Chultarach na Gà idhealtachd, gus beatha Shomhairle MhicGill-Eain a chomharrachadh. Bha e ag obair cuide ri sgoilearan à Àrd-sgoil A' Phluic airson bà rdachd ùr a sgrìobhadh bhon obair a rinn iad air Dà in do Eimhir.
Leig Maoilios dheth a dhreuchd gu h-oifigeil ann an 2005 ach bidh e fhathast a' sgrìobhadh 's a' teagaisg. Tha e an-diugh a' fuireach san Eilean Sgitheanach.
Thug an togail a fhuair e buaidh air a sgrìobhadh
Tha creideamh agus mì-chreideamh cudromach anns a' bhà rdachd agam, tha mi a' smaoineachadh gu ìre. Agus bha an deasbad a tha sin a' dol nam inntinn, mar gum biodh, nuair a bha mi na b' òige agus thug sin buaidh air a' bhà rdachd agam. 'S e togail glè mhath a fhuair mi. 'S e Crìosdaidh a bha na m' athair is na mo mhà thair agus bha e glè mhath an togail a fhuair mi, chan eil mi ag rà dh gur e rud dona a bh' ann ann an dòigh sam bith, an togail a fhuair mi. Chan e rud dona a th' ann a bhith a' deasbad riut fhèin mu dheidhinn rudan agus an seòrsa inntinn a bh' agamsa, bha mi a' cur ceistean fad an t-siubhal, a' ceasnachadh rudan. Anns an t-seagh sin, thug an togail a fhuair mi buaidh orm.
Bhon a thòisich mi a' sgrìobhadh an toiseach chun an-drà sta, anns a' chiad leabhar agam mar eisimplier tha dà in ann mar Do-chreidmhach agus Plannt Mara agus dà in mar sin far a bheil mi a' bruidhinn mu dheidhinn 's dòcha saidheans ann an-dòigh a' tighinn a-staigh an sin. Bha mi an còmhnaidh a' faicinn gu robh strì ann eadar saidheans agus creideamh, ach tha mi a' smaoineachadh a-nise gu bheil mi air tighinn timcheall ann an cearcall mar gum biodh agus tha mi a' creidsinn. Bha mi uair a' smaoineachadh gu robh saidheans a' dol an aghaidh creideimh is a-nise tha mi a' smaoineachadh ma tha e a' dèanamh dad idir, gu bheil e a' daingneachadh creideamh. Is tha barrachd creideimh agam a-nise na bh' agam a-riamh ann an-dòigh.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.