Tha Maoilios Caimbeul a' ruith air grunn chuspairean na bhà rdachd, nam measg: a' Ghà idhlig agus dualchas na Gà idhealtachd, creideamh agus mì-chreideamh, poilitigs, à iteachan is atharraichidhean, agus gaol. Tha e cuideachd uaireannan a' beachdachadh air ceistean farsaing mar beatha is bàs agus nà dar a' mhac-meanmna is na bà rdachd.
Mar bhà rd, tha guth socair, domhainn, meòrachail aig Maoilios Caimbeul agus cuideachd mac-meanmna beòthail.
Tha e glè thric a' feuchainn a-mach diofar dhòighean sgrìobhaidh na bhà rdachd. Uaireannan, mar eisimpleir, bidh e a' measgachadh rannaigheachd shaor an ùr-nòis ri ceòl agus ruithimean na bà rdachd thraidiseanta. Tha alt aige air ìomhaighean a shnìomh ri chèile gu sgileil ach uaireannan eile tha e a' cleachdadh modh-sgrìobhaidh sìmplidh, dìreach.
Mar a bhios e a' sgrìobhadh dà n
Tha mi a' smaoineachadh ann an dòigh gum bi mi a' feitheamh ri bà rdachd a thighinn thugam. Bidh mi a' smaoineachadh air rud is dòcha airson greis mhath, airson bliadhnaichean 's dòcha, no airson mìosan. Ach aon latha 's dòcha gun tig loidhne thugam no a' chiad dà loidhne agus feumaidh mi sin a sgrìobhadh sìos an uair sin oir mur a sgrìobh mi sìos e, dìochuimhnaichidh mi dè bh' ann agus cha tig e air ais thugam. An ath rud a bhios mi a' dèanamh, nuair a thòisicheas mi a sgrìobhadh, is dòcha gun dèan mi an sgrìobhadh fhèin ann an uair a thìde no dhà is bidh e deiseil an uair sin.
Glè thric bidh mi ga sgrìobhadh is sin agad e, ach uaireanan atharraichidh mi facal an siud is an seo. Thig mi thairis air agus atharrachaidh mi facal no dhà . Uaireannan ma sgrìobhas mi rud, 's dòcha nach bi mi a' smaoineachadh gun fhiach e a chumail agus cuiridh mi dhan bhion e. Bidh sin a' tachairt corra uair cuideachd agus sin mar a tha e ag obair.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.