Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Maoilios Caimbeul, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
MacAonghais, I. (An Samhradh 1981) Eileanan le Maoilios Caimbeul & A' Mheanbhchuileag le Fearghas MacFhionnlaigh.
Gairm, 115, td. 279

"Dè a tha ri iarraidh air a' bhà rd? Dè bu chòir dhuinn a bhith sùileachadh bhuaithe? Am bà rd anns an fharsaingeachd cho math ris a' bhà rd Ghà idhealach – no am bà rd Gà idhlig, o chionn is nach eil "Gà idhealach" aon-fhillte am brìgh a-nise. Chuir mi a' cheist sin air bà rd anns na h-Eileanan o chionn grunn bhliannaichean. Fhreagair e gun dà il: "Tha cumhachd". Nuair a leudaich e air a' chuspair chuir e an cèill gu robh esan ag iarraidh cumhachd ann an caochladh cruth: ann an siubhal nan rann agus an am binneas nam briathran oir neo rudeigin a dhìth...anns an dealbh a bha a' bhà rdachd a' toirt fa chomhair na sùlach oir neo-chumhachd ann an sgioltachd nam facal. Is dòcha os cionn nan uile, neart faireachaidh. Agus ann an eirmseachd? O bhà ; sin cuideachd. Is dh'fhaodadh cumhachd a bhith ri fhaotainn ann an grinneas, ann am fealla-dhà , agus mar sin air aghaidh. Shaoil leam aig an à m gu robh breith a' bhà ird a' toirt cus leatha; gu robh an t-slat-tomhais tuilleadh is lag. Ach iomadh turas on uair sin, agus a dh'aindeoin rannsachaidh dh'fhaillich orm sìon na b'fheà rr a chur na h-à ite – mas e is gu feumar da-rìribh breith a thoirt air bà rdachd anns an fharsaingeachd.
'S ann an smuain agus ann an sgioltachd cainnte, tha mi a' creidsinn, as follaisiche cumhachd an dithis bhà rd seo. Chan è gu bheil iad a' freastal sin gu h-iomlan: tha faireachdainn is dùrachd air cùl am briathran. Agus is aithne do Mhaoilios Caimbeul dealbh soilleir a tharraing, le dùrachd gun bhuigead na chainnt..."
Mac a' Ghobhainn, I. (Am Foghar 1987) Bailtean.
Gairm, 140, td. 381

"'S e Bailtean ainm an leabhair, ach tha na dĂ in ioma-chuspaireach. Tha feadhainn gu h-Ă raidh mu dheidhinn a' ghaoil ann an iomadh cumadh...
Tha cuid mu dheidhinn bhailtean agus gu h-Ă raidh mu dheidhinn Muile, an t-eilean cianail sin a tha a' dĂąsgadh bhon bhĂ rd na facail:
Chan ann tiamhaidh a tha an leabhar gu lèir, tà , oir tha dà n uabhasach èibhinn ann leis an tiotal, Sgoilearachd am measg nam Boiteagan. Fhad 's a tha iad ag argamaid thig lòn-dubh is ithidh e iad.
Tha mi den bheachd gu bheil e an urra ri Ruaridh MacThòmais gu h-à raidh anns na dà in a gheibhear anns an dà rna leth den leabhar, nuair a the e mach air cùisean ar latha fhìn, samhail an dà n Am Fear-Turais agus Dha Leòdhasach sam bith. 'S ann mu dheidhinn cogadh niùclasach a tha an dà n mu dheireadh sin, agus tha e cumhachdach gu leòr...
Agus cuideachd tha mi smaoineachadh gu bheil cà irdeas aig an dà n Son Alasdair ri aon de na dà in aig Dòmhnall MacAmhlaigh. Ach tha sin nà darrach gu leòr, oir cò am bà rd nach do dh'ionnsaich bho na h-athraichean?..
Ach tha a ghuth fhèin aig Maoilios, guth a tha aig amannan tiamhaidh, aig amannan feallsanta, agus an còmhnaidh reusanta is geur."
MacAonghais, I. (An Samhradh 1995) A' Gabhail Ris.
Gairm, 171, td. 280

"Tha imcheist an daonnaire tric ga nochdadh fhèin sa bhà rdachd aige. Tha an creideamh anns an do thogadh e cha mhòr an còmhnaidh na fhiamh air cùl nan dà n; ach chan e imcheist a' chreidmhich ach imcheist an fheallsanaich a tha ga sparradh gu cainnt. Uaireannan tha leus eile a' bristeach fà ire, mar a chithear an "Crann-tara"...
Ach tha an teagamh a tha, a rèir coltais dùthchasach dha gu pearsanta, a' ruigheachd cho domhainn is gu bheil ealain na bà rdachd fhèin ga meas aige na ceann-uidhe anns nach lorg an cridhe – no an t-anam – freagairt no riarachadh no fois...
Tha a leithid sin na sgà than air saoghal ar latha-ne: saoghal gun sìth, gun tèarainnteachd, gun dòchas; agus 's e an sìor cheasnachadh is an anfhois a tha am bà rdachd a' Chaimbeulaich a tha ga chomharrachadh os cionn chà ich. Tha mothachadh beò aige cuideachd air riaghladh ar latha, air riaghaltas, agus air luchd a' mhaoin...
'S e "Agus mar sin car a' mhuiltein" an roinn mu dheireadh dhen leabhar. Tha uirsgeul an fhir a chuir seachad là is bliadhna san t-sìthein, agus fionnsgeulachdan eile air am fighe ri chèile, ann an seòrsa de eachdraidh air turas an spioraid, o bhruaillean misgeach gu ruige foistinn – ma ghabhaas am bà rd ri comhairle a' ghuth a tha e a' cluinntinn: Gabhaidh tu ris/ ris an tuill/ ris a' chiùine/ ris na sìthichean/ 's ri na daoine... (Sin brìgh an tiotail: A' Gabhail Ris, agus tha e a'mineachadh cuid dhen iomairt a tha sna dà in air fad.) 'S e rosg-dhà n a tha ann, gun rannan cumanta, air a chur sìos anns an leabhar. Tha obair MhicDhiarmaid (A Drunk Man looks at the Thistle) agus "Tam O' Shanter" aig Burns nan eisimpleirean ged a tha a ghuth eirmseach fhèin aig Maoilios Caimbeul. Ach 's e strì na h-aigne a tha fà gail na bà rdachd aige fiachail."
MacIlleDhuibh, R. (2 An t-Samhain 2007) Leabhraichean Ùra, Breac a' Mhuiltein
The Scotsman

Tha trì rudan a' bualadh ormsa bhon toiseach: 's e guth Mhaoilis guth riochdail dibhearsanach an duine chumanta ("Tha mo chù / na bhà rd cho math riums'. / Bidh e a' comhartaich / ri a nà imhdean"); tha an duine cumanta seo, mac miseanaraidh, air fear de chà irdean MhicNeacail a tha "eadar bhìobaill is teagamh"; anns gach cruinneachadh their thu riut fhèin, " Cha b' urrainn dhan bhà rdachd seo a bhith na b' fheà rr" – ach tha an ath chruinneachadh nas fheà rr!..
Sna 11 "Daìn as Ùir" tha measgachadh togarrach de dh'aoir, de dh'fhèin-mhagadh, de dhibhearsain 's de smuaint. Tha freagairt ghlic aige ris a' cheist mhòir: "Nuair bha mi òg / bha mi a' smaointinn / gun robh an saoghal dìomhair, / an uair sin smaoinich mi / gun robh e sìmplidh; / a-nis tha mi tuigsinn / gu bheil e cho sìmplidh ri Pi - / chan eil crìoch air a shuaineadh 's air a thoinneamh, / air a thoinneamh 's air a shuaineadh." 'S e duine cumanta th' anns a' bhodach mar bh' anns an fhleasgach (ann an aon dà n tha e a' glanadh uinneagan), 's tha e fhathast eadar dhà chomhairle, ach mu nì ùr: tha Ionadail / Cruinneadail fo dhà riochd – meadarrachd shaor, agus là n chomhardadh de sheòrsa sunndach a tha a' cur an èisg Lachlann MacPhearsain Shrath Mhathaisidh nam chuimhne."
Stefan MacÌomhair ag innse dè tha tarraingeach mu bhà rdachd Mhaoilios Caimbeul
Thòisich m'ùidh ann an obair Mhaoilios Caimbeul fhad 's a bha mi san à rd-sgoil. Ag innse na firinn, bha Maoileas gam theagaisg anns an sgoil agus aig an à m, chan eil cuimhne agam dè bhliadhna a bh' ann, ach bhuannaich e crùn a' bhà ird aig a' Mhòd Nà iseanta. Agus smaoinich mi, oh uill feumaidh mi faighinn a-mach dè a tha math mu dheidhinn an obair ..na h-obrach...aige. Leugh mi cuid de na leabhraichean a bh'aige agus rinn sinn cuid dhe na pìosan bà rdachd aige anns na clasaichean a bha sinn a' dèanamh cuideachd, so!!!! thòisich m'ùidh an uair sin.
Na mo bheachdsa co-dhiù tha mi a' smaointinn gu bheil seòrsa de stoidhle a tha gu math sìmplidh a leantainn aige, an cà nan a bhios e a' cleachdadh. Chan eil mi ag rà dh gu bheil e airson ìre cloinne, ach dìreach gu bheil e furasta a leantainn agus tha e a' mìneachadh dè a tha e a' ciallachadh anns a' chiad dol a-mach agus tha sin cudromach dhòmhsa.
'S e Borgh Leòdhas an t-ainm a th' air a' phìos a chòrd riumsa gu mòr a rinn Maoileas agus dìreach an aon rud a-rithist, tha e sìmplidh leantainn dè a tha e a' ciallachadh. 'S ann mu dheidhinn na h-eaglais a tha e agus dè a tha a' tachairt, pìos a tha gu math trang. Tha tòrr a' tachairt ann an loidhnichean a tha gu math goirid agus 's e pìos gu math goirid a th' ann cuideachd. Tha tòrr a' tachairt, 's tha an dòigh a th' aige dìreach a' còrdadh rium.
Air adhart gu
CeanglaicheanCopyright © 2015 Âé¶ąÉç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.