
B' e miseanaraidh san Eaglais Shaor a bh' ann an athair Mhaoilios agus ri linn sin, chuir e seachad òige ann an iomadh à ite, nam measg An t-Eilean Sgitheanach, Leòdhas agus Siorrachd Inbhir Nis.
Chaidh e dhan Chabhlach Mharsantach nuair a bha e 16 bliadhna agus thug sin dha an cothrom mòran dhùthchannan den t-saoghal fhaicinn. Bha Maoilios còrr air 26 bliadhna mus do dh'ionnsaich e sgrìobhadh ann an Gà idhlig (ged a bha e air là n chomais a bruidhinn 's a leughadh) agus bha e còrr is 30 bliadhna nuair a cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èideann is Colaiste Chnoc Iordain 's a chaidh e a theagaisg Gà idhlig. Bha e a' teagaisg ann an Àrd-sgoil Thobar Mhoire ann am Muile agus an uair sin ann an Geà rrloch.
Tha 6 leabhraichean den bhà rdachd aig Maoilios air fhoillseachadh: Eileanan (1980), Bailtean (1987), A' Cà radh an Rathaid (1988), A' Gabhail Ris (1994), Saoghal Ùr (2002) agus am fear as ùire, Breac a' Mhuiltein (2007), cruinneachadh den bhà rdachd aige bho 1974 le eadar-theangachadh gu Gaeilge na h-Èireann.
A bharrachd air bà rdachd, tha Maoilios cuideachd aithnichte airson a bhith a' sgrìobhadh rosg agus nobhailean do chlann agus deugairean, nam measg Clann a' Phroifeasair (1988) agus Iain agus na Drogaichean (1993).
Tha e air iomadh duais a chosnadh airson sgrìobhadh, agus tha aithne air a chuid sgrìobhaidhean gu h-eadar-nà iseanta agus ann an Alba. Choisinn e Crùn a' Chomuinn Ghà idhealaich ann an 2002 agus 's e Sgrìobhadair Ionad Nà iseanta na Gà idhlig agus a Cultair, Sabhal Mòr Ostaig, airson a' bhliadhna 2008.
Chaidh fhastadh mar Sgrìobhadair gu pròiseact a chuir Urras Shomhairle air bhonn ann am Bliadhna Chultarach na Gà idhealtachd, gus beatha Shomhairle MhicGill-Eain a chomharrachadh. Bha e ag obair cuide ri sgoilearan à Àrd-sgoil A' Phluic airson bà rdachd ùr a sgrìobhadh bhon obair a rinn iad air Dà in do Eimhir.
Leig Maoilios dheth a dhreuchd gu h-oifigeil ann an 2005 ach bidh e fhathast a' sgrìobhadh 's a' teagaisg. Tha e an-diugh a' fuireach san Eilean Sgitheanach.
Carson a chaidh an leabhar as ùire eadar-theangachadh gu Gaeilge?
Tha mi a' faicinn tòrr leabhraichean bà rdachd a' tighinn a-mach agus tha Gà idhlig air aon taobh dhen duilleig is Beurla air an taobh eile. Tha mi a' faicinn gu bheil buaidh na Beurla cho là idir anns an t-saoghal a th' ann, 's gum b'fheà rr leam a' bhà rdachd agam a bhith air a h-eadar-theangachadh gu cà nan eile agus tha a' Ghaeilge gu math faisg air Gà idhlig na h-Alba. Agus mar sin bha mi a' smaointinn gur e rud math a bhiodh ann gum biodh i ann an Gaeilge. Agus cuideachd gu bheil daoine ann an Èirinn is dòcha a bhiodh a' leughadh na bà rdachd. Tha diofar adhbharan ann is sin agad cuid dhuibh.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.