Tha Maoilios Caimbeul a' ruith air grunn chuspairean na bhà rdachd, nam measg: a' Ghà idhlig agus dualchas na Gà idhealtachd, creideamh agus mì-chreideamh, poilitigs, à iteachan is atharraichidhean, agus gaol. Tha e cuideachd uaireannan a' beachdachadh air ceistean farsaing mar beatha is bàs agus nà dar a' mhac-meanmna is na bà rdachd.
Mar bhà rd, tha guth socair, domhainn, meòrachail aig Maoilios Caimbeul agus cuideachd mac-meanmna beòthail.
Tha e glè thric a' feuchainn a-mach diofar dhòighean sgrìobhaidh na bhà rdachd. Uaireannan, mar eisimpleir, bidh e a' measgachadh rannaigheachd shaor an ùr-nòis ri ceòl agus ruithimean na bà rdachd thraidiseanta. Tha alt aige air ìomhaighean a shnìomh ri chèile gu sgileil ach uaireannan eile tha e a' cleachdadh modh-sgrìobhaidh sìmplidh, dìreach.
Na cuspairean as trice a tha a' nochdadh na sgrìobhadh
Tha mi air sgrìobhadh mu dheidhinn tòrr dhiofar rudan, ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil an teannachadh a th' ann, an tension a th' ann eadar seann rudan is rudan ùra, gu bheil sin ag èirigh gu math tric anns a' bhà rdachd agam. Agus cuideachd an teannachadh a tha eadar creideamh agus mì-chreideamh, gu bheil tòrr dhen sin air a bhith anns a' bhà rdachd agam.
Ach cuideachd an seòrsa dreuchd a bh' aig m' athair, a' dol bho à ite gu à ite nuair a bha mi òg... tha mi air a bhith a' fuireach ann an diofar à itichean agus tha na h-à itichean fhèin air buaidh a thoirt air an t-seòrsa stuth a tha mi a' sgrìobhadh. Tha mi air dà in a sgrìobhadh mu dheidhinn Muile, dà in mu dheidhinn Leòdhas agus mu dheidhinn an Eilean Sgitheanach, à iteachan far an robh mi air a bhith a' fuireach. Sin an seòrsa buaidhean a th' ann, tha mi a' smaoineachadh.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.