Tha Maoilios Caimbeul a' ruith air grunn chuspairean na bhà rdachd, nam measg: a' Ghà idhlig agus dualchas na Gà idhealtachd, creideamh agus mì-chreideamh, poilitigs, à iteachan is atharraichidhean, agus gaol. Tha e cuideachd uaireannan a' beachdachadh air ceistean farsaing mar beatha is bàs agus nà dar a' mhac-meanmna is na bà rdachd.
Mar bhà rd, tha guth socair, domhainn, meòrachail aig Maoilios Caimbeul agus cuideachd mac-meanmna beòthail.
Tha e glè thric a' feuchainn a-mach diofar dhòighean sgrìobhaidh na bhà rdachd. Uaireannan, mar eisimpleir, bidh e a' measgachadh rannaigheachd shaor an ùr-nòis ri ceòl agus ruithimean na bà rdachd thraidiseanta. Tha alt aige air ìomhaighean a shnìomh ri chèile gu sgileil ach uaireannan eile tha e a' cleachdadh modh-sgrìobhaidh sìmplidh, dìreach.
Mar a tha an sgrìobhadh aige air atharrachadh
Tha mi a' smaoineachadh gum bi mi a' sgriobhadh barrachd bà rdachd le meadrachd a-nise na bha mi a thaobh cruth na bà rdachd. Agus 's dòcha gu bheil na cuspairean ag atharrachadh cuideachd gu ìre. Mar a bha mi ag rà dh, tha barrachd creideimh na mo bhà rdachd a-nise na bh' ann roimhe 's dòcha. Tha mi ciallachadh le sin, tha mi a' creidsinn. Chan eil mi cho eu-dòchasach mu dheidhinn rudan 's a b'à bhaist dhomh a bhith. Tha mi a'creidsinn ann an Dia, mar eisimpleir, a-nise agus ann an Crìosda. Agus aig aon à m, cha robh mi uabhasach cinnteach mu na rudan mar sin.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.