Tha Maoilios Caimbeul a' ruith air grunn chuspairean na bhà rdachd, nam measg: a' Ghà idhlig agus dualchas na Gà idhealtachd, creideamh agus mì-chreideamh, poilitigs, à iteachan is atharraichidhean, agus gaol. Tha e cuideachd uaireannan a' beachdachadh air ceistean farsaing mar beatha is bàs agus nà dar a' mhac-meanmna is na bà rdachd.
Mar bhà rd, tha guth socair, domhainn, meòrachail aig Maoilios Caimbeul agus cuideachd mac-meanmna beòthail.
Tha e glè thric a' feuchainn a-mach diofar dhòighean sgrìobhaidh na bhà rdachd. Uaireannan, mar eisimpleir, bidh e a' measgachadh rannaigheachd shaor an ùr-nòis ri ceòl agus ruithimean na bà rdachd thraidiseanta. Tha alt aige air ìomhaighean a shnìomh ri chèile gu sgileil ach uaireannan eile tha e a' cleachdadh modh-sgrìobhaidh sìmplidh, dìreach.
Comhairle mu sgrìobhadh
A thaobh a bhith a' sgrìobhadh sgeulachd, 's e a bhith a' dèanamh sgeidseachan air na caractaran an toiseach a tha mi smaoineachadh a tha cudromach agus gum bi beachd agad air dè am plot a tha gus a bhith agad anns an sgeulachd oir tha daoine ag iarraidh faighinn a-mach dè tha dol a thachairt is mar sin air adhart. Agus dh'fheumadh beachd air choreigin a bhith agad mus tòisich thu a' sgrìobhadh air dè a tha gus a bhith san leabhar.
A thaobh bà rdachd, uill is dòcha a bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn rud, agus ma thig ìomhaigh thugad sin a sgrìobhadh sìos, an ìomhaigh a sgrìobhadh sìos. Ach cuideachd, bà rdachd dhaoine eile a leughadh. Tha sin cudromach, gu h-à raidh ma tha thu ag iarraidh bà rdachd anns an nòs ùr a sgrìobhadh. Leugh stuth le daoine eile agus an uair sin ionnsaich mar a tha iadsan ga dhèanamh. Tha tòrr ann. Ged a tha bà rdachd a' coimhead sìmplidh, tha e gu math doirbh bà rdachd mhath a sgrìobhadh agus feumaidh tu leughadh stuth le daoine eile airson faighinn a-mach ciamar a rinn iadsan e agus dè na sgilean a th' air a' chùlaibh. Agus aon uair 's gun dèan thu sin, bidh e nas fhasa dhut fhèin an uair sin nuair a tha thu a' tighinn gu sgrìobhadh. Tha fhios agad air na cruthan a th' ann a thaobh bà rdachd, air meadrachd is rudan mar sin agus bidh e nas fhasa dhut an uair sin do chruth fhèin a chur air an rud a tha thu ag iarraidh a dhèanamh.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.