
Rugadh agus thogadh Murchadh MacPhà rlain ann am Mealabost, baile beag faisg air Steòrnabhagh, an Eilean Leòdhais. Anns an sgoil dh'ionnsaich e Beurla, Laideann agus beagan Frangais ach cha d'fhuair e a-riamh oideachadh ann an Gà idhlig.
Chaidh Murchadh a dh'obair dhan Mhorair Leverhulme air cuid de na sgeamaichean a bha e air a chur air chois air Eilean Leòdhais ach nuair nach do shoirbhich sin, coltach ri na mìltean eile, chaidh Murchadh a-null a Chanada. Chuir e grunn bhliadhnaichean seachad ann am Manitoba, à ite nach do chòrd ris, agus thill e air ais dhachaigh ann an 1932. Rinn e a sheirbheis nà iseanta eadar 1942 agus 1945.
Chuir e a' chòrr de bheatha seachad ann an Leòdhas ag obair mar chroitear. Cha do phòs e a-riamh.
Tro sgrìobhadh, bha Murchadh a' togail air rudan a chunnaic e agus a thachair dha fhèin, ann an Leòdhas, ann an Canada agus tro bhliadhnaichean a' chogaidh.
Fhuair cuid de na dà in aige aithne tro bhith air an seinn le diofar chòmhlain-ciùil Gà idhlig, nam measg na h-Òganaich agus na Siaraich. Agus choisinn e fhèin duais airson Mi le m' Uillinn a sgrìobhadh nuair a sheinn na h-Òganaich e aig an Fhèis Pan-Celtic ann an Cill Airne ann an 1972.
Chaidh dà leabhar de bhà rdachd Mhurchaidh fhoillseachadh, An Toinneamh Dìomhair ann an 1973 agus Dà in Mhurchaidh ann an 1986.
Chaochail e air an 7mh là den t-Samhain 1982.
Fionnlagh MacLeòid a' beachdachadh air an duine fhèin
Cha b' e duine a bh' ann a bha a' leantainn agenda cumhang, biodh e ann am poilitigs no biodh e ann an creideamh, bha a bheachd fhèin aige agus a' smaoineachadh tric agus domhainn air. Ach 's e cor a' chinne daonna a bhiodh aige an còmhnaidh.
Dhòmhsa b' e humanist da-rìribh a bh' ann agus b' e rudan mar iochd a bha tric ga ghluasad. Bha e mothachail an còmhnaidh air an atharrachadh a bha a' tighinn air dualchas is air cà nan is eile. Is mothachadh aige cuideachd air an seòrsa Diadhachd a thà inig a-steach is creideamh a thà inig a-steach, nach b' e rud a bh' ann a bha dhà san uabhasach brìgheil ann an dòigh sam bith.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.