'S ann airson òrain, seach bà rdachd sgrìobhte, as ainmeile a tha Murchadh MacPhà rlain. Canaidh cuid gum b' e an t-òranaiche Gà idhlig a b' fheà rr anns an linn a chaidh seachad. Tha na h-òrain aige air an seinn le cuid de shà r-sheinneadairean na Gà idhlig agus le còmhlain mar Na h-Òganaich (gu h-à raidh), Na Siaraich, Runrig agus Capercaillie.
Bhiodh e fhèin a' cur fuinn ri na h-òrain mar a bha e gan dèanamh, fuinn bheòthail le blas an latha an-diugh orra, ged a bhiodh cuid de na còmhlain a' cur an dreach fhèin orra.
Tha tòrr ciùil ann am faclan nan òran aige cuideachd. Mar eisimpleir, 'Shil mo shùil nuair chaidh siùil / Ri croinn ùra chaol à rd, / Rìgh, 's mo rùn-sa nam bà rr' - agus ruitheaman là idir a tha gar giùlan gu siùbhlach tro na h-òrain no, uaireannan, a' samhlachadh cuspair à raidh – mar tulgadh na mara san eisimpleir gu h-à rd.
Tha 'drà ma' anns na h-òrain aig MacPhà rlain. Tha glè thric caractaran aige anns na h-òrain – mar an saighdear agus a leannan ann an 'Naoi Ceud Deug 's Ceithir Deug' – airson an suidheachadh a thoirt beò agus gus am bi co-fhaireachdainn againn riutha. Uaireannan bidh còmhradh eadar na caractaran anns na h-òrain, rud a tha a' cur ris an drà ma.
'S e bà rdachd airson a seinn a tha seo. Bidh MacPhà rlain uaireannan ag atharrachadh òrdugh à bhaisteach nam faclan ann an t-seantans. Mar eisimpleir, 'Cha bhi uat mi ach rà ith' an à ite 'Cha bhi mi uat ach rà ith', rud a tha a' glacadh ar n-aire ann an òran ach nach obraicheadh cho math air an duilleig. 'S e bà rdachd airson èisteachd rithe, chan ann airson a leughadh, a tha seo.
Tha dibhearsain, tiamhaidheachd agus breithneachadh anns na h-òrain aig Murchadh MacPhà rlain. Tha e a' ruith air raon mhòr de chuspairean. A' Ghà idhlig agus a' Ghà idhealtachd, tachartasan mar dol-fodha na h-Iolaire, obraichean traidiseanta mar an t-iasgach, cogadh (bha e gu là idir an aghaidh cogadh), ceistean sòisealta mar buaidh na dibhe, gaol (ann an riochd spòrsail mar as trice), cianalas, seann chleachdaidhean, dòigh-beatha an latha an-diugh ('Linn Greas ort') agus mar sin air adhart. A bharrachd air an sin, rinn e grunn mhòr de dhuain aotrom mu dhaoine a dh'aithnicheadh e no mu rudan a thachair dha.
Ag innse mu 'S fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh
Dh'fhalbh mise còmhla ris a' mhòr-shluagh anns na 1920s agus bha mi anns an dùthaich a bha thall agus chaidh mi shireadh iomadh sgeula. An toiseach nuair a bha mi nam bhalach òg thà inig fear dhachaigh à Canada air an robh Roddy Aonghais Ruaraidh. Cha bheò e an-diugh, agus chaidh mi a-steach a thaigh piuthar seanar dhomh aon latha agus bha e na shìneadh air a' bheing agus srian an eich fo cheann agus b' e am fonn a bh' aige Fail i, fail i, fail i ho ro, cà ite cà ite cà ite an tèid mi nuair a thuiteas sìos na sgà ilean far am b' à bhaist dhòmhsa bhith cèilidh. B' e siud a bha e a' seinn 's cha robh duine a-staigh ach an dithis againn.
Dh' fhalbh mise a Chanada cuideachd agus a' chiad fhoghar a bha mi a-muigh, bha sinn aig a' bhuain, aig an t-fhoghar agus air oidhche bhrèagha ghealaich,thà inig an cianalas orm mar tonn bhà tht' agus chuimhnich mi air an fhear a bha na shìneadh air a' bheing anns an t-seann taigh-tughaidh agus e a' seinn leis fhèin cà ite, cà ite, cà ite an tèid mi nuair a thuiteas sìos na sgà ilean far am b' à bhaist dhòmhsa bhith cèilidh. Agus b'e seo a ghluais mise an oidhche sin gu bhith a' dèanamh fail i, fail i, fail i ho ro agus chuingealaich mise an duain a tha seo ris an taigh chèilidh.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.