
Rugadh agus thogadh Murchadh MacPhà rlain ann am Mealabost, baile beag faisg air Steòrnabhagh, an Eilean Leòdhais. Anns an sgoil dh'ionnsaich e Beurla, Laideann agus beagan Frangais ach cha d'fhuair e a-riamh oideachadh ann an Gà idhlig.
Chaidh Murchadh a dh'obair dhan Mhorair Leverhulme air cuid de na sgeamaichean a bha e air a chur air chois air Eilean Leòdhais ach nuair nach do shoirbhich sin, coltach ri na mìltean eile, chaidh Murchadh a-null a Chanada. Chuir e grunn bhliadhnaichean seachad ann am Manitoba, à ite nach do chòrd ris, agus thill e air ais dhachaigh ann an 1932. Rinn e a sheirbheis nà iseanta eadar 1942 agus 1945.
Chuir e a' chòrr de bheatha seachad ann an Leòdhas ag obair mar chroitear. Cha do phòs e a-riamh.
Tro sgrìobhadh, bha Murchadh a' togail air rudan a chunnaic e agus a thachair dha fhèin, ann an Leòdhas, ann an Canada agus tro bhliadhnaichean a' chogaidh.
Fhuair cuid de na dà in aige aithne tro bhith air an seinn le diofar chòmhlain-ciùil Gà idhlig, nam measg na h-Òganaich agus na Siaraich. Agus choisinn e fhèin duais airson Mi le m' Uillinn a sgrìobhadh nuair a sheinn na h-Òganaich e aig an Fhèis Pan-Celtic ann an Cill Airne ann an 1972.
Chaidh dà leabhar de bhà rdachd Mhurchaidh fhoillseachadh, An Toinneamh Dìomhair ann an 1973 agus Dà in Mhurchaidh ann an 1986.
Chaochail e air an 7mh là den t-Samhain 1982.
Am bà rd ag innse mar a bhiodh spiorad na bà rdachd ga bhioradh
Nuair a bhios spiorad na bà rdachd ga mo bhioradh, nam b' e an rud e is gun gabhainn peann is pà ipear is gu suidhinn sìos is gu sgrìobhainn e. Tha mi air faodainn a-mach trom fhèin fhiosrachadh fhèin nuair a bhios mi an urra ris a' pheann is ris a' phà ipear, nach eil an nì a tha seo idir air a ghearradh air clà r mo chuimhne cho domhainn is cho ionmholta agus cho cunbhalach ris a' bhà rdachd a nì mi gun pheann, gun phà ipear idir. Nise tha mi an dèidh faighinn a-mach nuair a bhios mi an urra ri mo chuimhne, 's e sin ris an dà inntinn, ris an inntinn mhothachail agus mar gum biodh ris an inntinn iarach agus ris an inntinn à rd no ris an inntinn à rd is an inntinn iarach.
Nise nuair a bhios mi an urra ris a' pheann is a' phà ipear, cha bhi e idir air a ghearradh air clà r mo chuimhne mar a bhios e nuair nach bi pà ipear no peann idir agam. Tha mi an uair sin an urra ri mo chuimhne gu tur agus 's e seo a nì a tha mi air faighinn a-mach, nuair a shuidheas mi sìos le peann is pà ipear tha mi mar gum biodh a' leigeil mo chuideam air a' pheann is air a' phà ipear. Ach nuair a bhios mi leam fhèin, is dòcha a' cur na mòine chun a' rathaid no a' gearradh a' choirce agus nuair a bhios spiorad na bà rdachd a' tighinn orm agus a bhios mi an uair sin an urra gu iomlan ri mo chuimhne, tha mi a-nise an dèidh tuigsinn nuair a bhios mi an urra ri mo chuimhne, tha a' chuimhne mar gum biodh i a' gearradh a h-uile cà il air a clà r fhèin dhomh. Agus eadhon ged a chaillinn e aig an à m a tha lathair, thig e aig ceann sreath a-rithist.
Nise, 's e seo mar a tha mise a' faotainn spiorad na bà rdachd a thaobh cuimhne is 's ann dha mo bhioradh a bhios an spiorad a tha an seo. Bidh i ag rà dh siuthad, siuthad.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.