'S ann airson òrain, seach bà rdachd sgrìobhte, as ainmeile a tha Murchadh MacPhà rlain. Canaidh cuid gum b' e an t-òranaiche Gà idhlig a b' fheà rr anns an linn a chaidh seachad. Tha na h-òrain aige air an seinn le cuid de shà r-sheinneadairean na Gà idhlig agus le còmhlain mar Na h-Òganaich (gu h-à raidh), Na Siaraich, Runrig agus Capercaillie.
Bhiodh e fhèin a' cur fuinn ri na h-òrain mar a bha e gan dèanamh, fuinn bheòthail le blas an latha an-diugh orra, ged a bhiodh cuid de na còmhlain a' cur an dreach fhèin orra.
Tha tòrr ciùil ann am faclan nan òran aige cuideachd. Mar eisimpleir, 'Shil mo shùil nuair chaidh siùil / Ri croinn ùra chaol à rd, / Rìgh, 's mo rùn-sa nam bà rr' - agus ruitheaman là idir a tha gar giùlan gu siùbhlach tro na h-òrain no, uaireannan, a' samhlachadh cuspair à raidh – mar tulgadh na mara san eisimpleir gu h-à rd.
Tha 'drà ma' anns na h-òrain aig MacPhà rlain. Tha glè thric caractaran aige anns na h-òrain – mar an saighdear agus a leannan ann an 'Naoi Ceud Deug 's Ceithir Deug' – airson an suidheachadh a thoirt beò agus gus am bi co-fhaireachdainn againn riutha. Uaireannan bidh còmhradh eadar na caractaran anns na h-òrain, rud a tha a' cur ris an drà ma.
'S e bà rdachd airson a seinn a tha seo. Bidh MacPhà rlain uaireannan ag atharrachadh òrdugh à bhaisteach nam faclan ann an t-seantans. Mar eisimpleir, 'Cha bhi uat mi ach rà ith' an à ite 'Cha bhi mi uat ach rà ith', rud a tha a' glacadh ar n-aire ann an òran ach nach obraicheadh cho math air an duilleig. 'S e bà rdachd airson èisteachd rithe, chan ann airson a leughadh, a tha seo.
Tha dibhearsain, tiamhaidheachd agus breithneachadh anns na h-òrain aig Murchadh MacPhà rlain. Tha e a' ruith air raon mhòr de chuspairean. A' Ghà idhlig agus a' Ghà idhealtachd, tachartasan mar dol-fodha na h-Iolaire, obraichean traidiseanta mar an t-iasgach, cogadh (bha e gu là idir an aghaidh cogadh), ceistean sòisealta mar buaidh na dibhe, gaol (ann an riochd spòrsail mar as trice), cianalas, seann chleachdaidhean, dòigh-beatha an latha an-diugh ('Linn Greas ort') agus mar sin air adhart. A bharrachd air an sin, rinn e grunn mhòr de dhuain aotrom mu dhaoine a dh'aithnicheadh e no mu rudan a thachair dha.
Cuspairean a bhiodh tric a' nochdadh na bhà rdachd
'S e fear dheth na themes a tha tarraingeach da-rìribh anns an obair aige, cogadh. Bha bith aige dha cogadh, bith. Agus bha sin ann an seagh annasach ann an duine de sheòrs a bha ag obair is a sgrìobhadh aig ìre baile.
Bithear tric ag rà dh, uill an e bà rd baile a bh' ann? Bha e tòrr na b'fharsaing na sin 's bha e ag atharrachadh an dòigh a bha e a' dèanamh bà rdachd fad na h-ùine. Bha e diofraichte bho bà rd baile a bha dìreach a' dèanamh òrain mu na rudan a bha a' dol anns a' bhaile.
Tha cuimhne agam air fear de na pìosan bho dheireadh a rinn e, 's e sin Chunna mi bhuam a' bheinn. Bha e air plèan agus chunnaic e a' bheinn air mòinteach an Rudha, deas air beanntan Bharbhais agus chleachd e a' bheinn mar samhla air a bheatha, nach b' urrainn dha an-diugh a dìreadh 's nach b' urrainn dhan chù a dìreadh.
'S e na òrain far an robh e a' cur barrachd beirm annta agus barrachd ceasnachaidh, sin nuair as fheà rr a tha e, na mo bheachd sa co-dhiù. Na rudan beaga a bha e a' dèanamh na bu trà ithe, ged a bha iad aotrom mar òran a' choin.
Bha e a' cur a-steach ann an sin, ge-tà , an robh à m a' choin air thighinn.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.