Âé¶¹Éç

18mh linn / Sìleas na Ceapaich

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - Comhairle air na Nigheanan Ã’g

Dàn 2

'S e seo fear den dà dhàn a rinn Sìleas na Ceapaich a' comhairleachadh do chaileagan òga a bhith glic agus gun iad a bhith a' toirt gèill do bhrìodal meallta o "òig-fhear nam ³¾±ð²¹±ô±ô-²õ³óù¾±±ô ²úò¾±»å³ó±ð²¹³¦³ó le theangaidh ±ô±ðò³¾²¹¾±³¦³ó". Tha an dàn letheach eadar dibhearsain agus comhairle a tha i a' ciallachadh dha-rìribh (ged a tha i ag aideachadh nach robh i fhèin an còmhnaidh a' leantainn na comhairle seo na h-òige.)


Tha Sìleas a' cuimhneachadh dhan òigridh nach eil an saoghal an còmhnaidh cothromach ri boireannaich, le mòran gam meas "³¦°ùì´Ç²Ô" ma tha iad stuama agus "²õ³Ù°ùò»å³ó²¹¾±±ô" mura bheil: chanadh cuid gu bheil tomhas de dh'fhìrinn an sin chun an latha an-diugh.


Comhairle air na Nigheanan Ã’g

  • Bha mi uair nuair a bha mi 'm ghruagaich
  • Gum faighinn uaigneas gun fhios do chàch;
  • Mar shamhladh bruadair an diugh ga luaidh rium,
  • Gun dad de bhuanachd ach buaidh mar ²µ²Ôà³Ù³ó,
  • Na gealan glè mhòr a gheobhainn fhèin bhuap'
  • Air chor 's nach ³Ù°ùè¾±²µ±ð²¹»å³ó iad mi gu bràth;
  • A nis is lèir dhomh na rinn mi dh'eucoir
  • 'S a' mheud 's a dh'èist mi dam breugan ²úà³Ù³ó.

Comhairle air na Nigheanan Ã’g

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

An teachdaireachd a tha a' ruith tron dàn

'S e an teachdaireachd a tha a' ruith tron dàn gun urrainn na peacaidhean seo a sheachnadh le bhith ag ùrnaigh agus a' sireadh cuideachadh bho Dhia agus a bhith mothachail air na h-àithntean agus air na riaghailtean a tha a' chreideamh a' toirt dhut.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Sìleas na Ceapaich

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.