Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) agus air a sheinn le: Gillebrìde Mac Ille Mhaoil, Iain Dòmhnallach (Tonkan), iain macLeòid (Iain a' Ghèidsear) agus Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn).
This is a song written by: Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) and sung by: Gillebrìde Mac Ille Mhaoil, Iain Dòmhnallach (Tonkan), iain macLeòid (Iain a' Ghèidsear) and Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn).
A Pheigi, a ghrà idh, 's tu dh'fhà g mi buileach gun sunnd,
'S mi seòladh an-drà st' thar sà il dh'Astrà ilia null;
Tha 'n oidhche fliuch, fuar, 's mi shuas ga cumail air chùrs,
'S tu daonnan nam smuain, a luaidh, bhon dhealaich thu rium.
Bhon dhealaich thu rium neo-shunndach m' aigne gach latha,
'S mi seòladh a' chuain, 's gach uair gam sgaradh od ghrà dh,
Ma thug thu dhomh fuath, 's nach dual dhomh d' fhaighinn gu brà th,
Gum faic thu led shùil, a rùin, nach bi mi fad slà n.
Cho fad 's thèid mi null bidh dùil am tilleadh a-nall,
Far do dh'fhà g mi mo rùn fo thùrs am baile nan Gall,
'S thèid sinn le sunnd a-null do dh'Uibhist nam beann
Far am faigh mi ort còir le pòsadh ceangailte teann.
Nuair gheibh mi ort còir ri 'r beò cha bhi oirnn dìth,
Gun dèanainn dhut lòn gu leòr air muir agus tìr;
'S ged theireadh an sluagh, a luaidh, nach dèanainn dhut nì,
Gun togainn dhut bà rr, a ghrà idh, ged 's maraiche mi.
Ged 's maraiche mi tha sgìth a' treabhadh a' chuain,
Bha 'n iomadach à ite is ceà rnan, deas agus tuath,
Chan fhaca mi ann tè Ghallda thigeadh riut suas,
A bhean a' chùil bhà in, chaidh à rach an Uibhist nam buadh.
An Uibhist nam buadh gur truagh nach robh mi leat thall
Is fà inne den òr mud mheòir gar ceangal le bann,
'S ma thilleas mi, luaidh, thar chuain an turas seo nall
Dh'Àird Choinnich thèid sinn le cinnt gar ceangal gu teann.
Gun sguir mi den dà n mu fàs sibh uile dheth sgìth,
'S gun tuig sibh mo chàs 's mi 'n-drà st' cho fada bho thìr,
Ach an rud tha mi 'g rà dh, gu brà th gun aidich mi fhìn,
'N taobh tuath Loch a' Chà rnain dh'à raicheadh cailin mo chridh'.

'S ann à Gearraidh Bhailteas ann an Uibhist a Deas a tha Gillebrìde Mac Ille Mhaoil. An dèidh dha am Bonn Òr airson seinn san ...
Fiosrachadh air Gillebrìde Mac Ille Mhaoil / Learn more about Gillebrìde Mac Ille Mhaoil
Rugadh Iain "Tonkan" Dòmhnallach, Iain Choinnich Phutar, ann am Port nan Giùran anns an Rudha, Leòdhas, air 24 Lùnastal, 1935. Oighrig Mhurchaidh Ruairidh a' Ghlinne ...
Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Tonkan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Tonkan)Canar Seumas Ailig Eòghainn ri Seumas Caimbeul às an Ìochdair an Uibhist a Deas. Rugadh e san t-Samhain 1973 agus thogadh e le sheanair, Ailig ...
Fiosrachadh air Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn) / Learn more about Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.