Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall MacÌomhair agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain, Eà irdsidh MacIllEathain, iseabail f. mitchell, Kathleen NicDhòmhnaill, Mà iri NicGillEathain agus Seòras Clavey.
This is a song written by: Dòmhnall MacÌomhair and sung by: Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain, Eà irdsidh MacIllEathain, iseabail f. mitchell, Kathleen NicDhòmhnaill, Mà iri NicGillEathain and Seòras Clavey.
An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd à rd,
Tha torran a' chuain,
Mar chualas leams' e nam phà ist',
Gun mhùthadh, gun truas
A' sluaisreadh gainneimh na trà gh'd,
An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd à rd.
Gach là d le a stuadh,
Cho luaisgeach, faramach, bà n,
Na chabhaig gu cruaidh
'S e gruamach, dosrach, gun sgà th.
Ach strìochdaidh a luaths
Aig bruaich na h-uidhe bh' aig cà ch,
Mar chaochail an sluagh
Bha uair sa bhaile seo tà mh.
'S na coilltean a siar
Chan iarrainn fuireach gu brà th
Bha m' inntinn 's mo mhiann
A riamh air lagan a' bhà igh;
Ach iadsan bha fial
An gnìomh, an caidreabh 's an à gh
Air sgapadh gun dìon
Mar thriallas ealtainn roimh nà mh.
Seileach is luachair
Cluaran, muran is stà rr
Air tachdadh nam fuaran
'N d'fhuair mi iomadh deoch-phà it';
Na tobhtaichean fuar
Le bualan 's cuiseag gum bà rr,
'S an eanntagach ruadh
Fàs suas sa chagailt bha blà th.
Ach chunnaic mis' uair
'M bu chuannar beathail an t-Ã it',
Le òigridh gun ghruaim
Bha uasal modhail nan cà il,
Le mà thraichean suairc
Là n uaill nan companaich grà idh,
Le caoraich is buar
Air ghluasad moch madainn nan trà th.
Ach siùbhlaidh mi uat;
Cha ghluais mi tuilleadh nad dhà il;
Tha m' aois is mo shnuadh
Toirt luaidh air giorrad mo là ;
An à m dhomh bhith suaint'
Am fuachd 's an cadal a' bhà is
Mo leabaidh dèan suas
Ri fuaim na h-ataireachd à ird.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha bà rdachd eile le Dòmhnall MacÌomhair air fhoillseachadh san leabhar Bà rdachd Leòdhais, air a dheasachadh le Iain N. MacLeòid, air fhoillseachadh an 1916 le Alasdair MacLabhrainn agus a Mhic, ann an Glaschu agus air fhoillseachadh as ùr le Acair ann a' Steòrnabhagh an 1998.
Chaidh Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain a stèidheachadh bho thùs le Uisdean Alasdair Friseal, a bha na fhear-teagaisg Gà idhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Rugadh e ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain / Learn more about Còisir Ghà idhlig Inbhir PheofharainRugadh Seòras Clavey (1928-2003) ann an Dùn Èideann agus ghabh e ùidh ann an Gà idhlig nuair a bha e na bhall de Chòisir Ghà idhlig Phort ...
Fiosrachadh air Seòras Clavey / Learn more about Seòras Clavey
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thà inig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaillGed a rugadh 's a thogadh Mà iri NicGillEathain ann an Glaschu tha dlùth cheangal aice ri Uibhist a Deas. 'S i nighean Charlotte Chaluim à ...
Fiosrachadh air MÃ iri NicGillEathain / Learn more about MÃ iri NicGillEathainRugadh EÃ irdsidh MacIllEathain ann an 1918 anns a' Ghearastan ach thogadh e ann an Innis Lagain, baile beag air bruaich a tuath Loch Garadh, mu ...
Fiosrachadh air Eà irdsidh MacIllEathain / Learn more about Eà irdsidh MacIllEathainChaidh Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gà idhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig ÃŒleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghà idhlig ÃŒleach GhlaschuCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.