Ged a rugadh 's a thogadh Mà iri NicGillEathain ann an Glaschu tha dlùth cheangal aice ri Uibhist a Deas. 'S i nighean Charlotte Chaluim à Taobh a Deas Ghleann Dail agus Iain MacGillEathain, Iain Sheonaidh Aonghais à Taobh a Deas Bhaghasdail.
Cha b' e a cheannach a rinn Mà iri air a h-ùidh ann an òrain. Bha a h-athair na bhà rd a dhèanadh òran mu chuspair sam bith, òrain èibhinn agus òrain là n cianalais agus, nuair a bhiodh e aig an taigh air fòrladh, bhiodh e daonnan ri bà rdachd is òrain.
O nach robh mi leat thall ann an Uibhist
Anns a' ghleannan tha lurach 's gach à m,
Far an cluinninn san Ã’gmhios a' chuthag
'S an uiseag ri luinneag gu trang.
Far an cluinninn gach alltan is sruthan
'S iad nan deann ruith bho mhullach nam beann;
Breac tà rrgheal na fairge sa ghlumaig
'S iad a' leum chun na cuileig le steall.
'S i MÃ iri bu shine den t-sianar theaghlach a bha aig Charlotte agus Iain, ceathrar nighean is dithis ghillean.
Bha ùidh riamh aice ann an ceòl is òrain. Nuair a bha i mu dheich bliadhna thòisich i a' dol gu Còisir Òg Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu. Bha i anns a' Chòisir òg gus na ghluais i suas gu còisir nan inbheach nuair a bha i mu shia bliadhna deug. Bha dithis stiùirichean aig a' chòisir a thug buaidh mhòr oirre. B' iadsan Tormod McConochie agus Nan Dhùghlas.
Na deugaire cuideachd ghabh Mà iri leasain air a' phià na agus tha cuimhne aig a brà thair i bhith daonnan a' seinn agus esan na bhalachan òg a' feuchainn ri beagan fois fhaighinn airson ball-coise fhaicinn air an telebhisean.
'S ann còmhla ris a' chòisir a thòisich i dol gu Mòdan an toiseach agus nuair a bha i beagan na bu shine thòisich i dol chun an fhear-ciùil ainmeil, Iain MacRath, airson leasain seinn.
Bhuannaich Mà iri am Bonn Òr aig a' Mhòd san Aghaidh Mhòir ann an 1969. Aig an aon Mhòd, choisinn an MacLean Trio, i fhèin, a piuthar Anna agus a brà thair Calum, farpais nan còmhlain.
An dèidh iomadh bliadhna ag obair ann an Oifis nan Cìsean tha Mà iri an-diugh air a dreuchd a leigeil dhith. Ach chan eil i na tà mh. A bharrachd air a bhith trang le a ceathrar theaghlach is oghaichean, bidh i na britheamh aig farpaisean is fèisean.
Tha i air a bhith na stiùiriche air Còisir Chomar nan Allt fad fichead bliadhna is còrr agus le a stiùir tha iad air duais Mhairead NicDhonnchaidh a bhuinnig trì tursan. Tha i cuideachd na stiùiriche air Coisir Òg na h-Eaglaise Brice agus 's iomadh duais a tha iadsan air a ghlèidheadh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.