Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: alexandra nicThòmais, deirdre nic an t-Sagairt, kathleen henry, Mà iri NicAonghais agus Mà iri NicDhòmhnaill.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: alexandra nicThòmais, deirdre nic an t-Sagairt, kathleen henry, Mà iri NicAonghais and Mà iri NicDhòmhnaill.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
O hì 's na hì iù o,
Hì ri rì 's na hì iù o,
O hì rì 's na hì iù o,
'S e mo rùn an t-oighr' òg.
Oighr' òig à Dùn Bheagain
Nam pìoban 's nam feadan,
'S mi gun dèanadh do fhreagairt
Le fead cinn a' mheòir.
Cha bhiodh ormsa bonn cùraim
Ach thu fhèin bhith ga stiùireadh,
Ged a bhiodh a' mhuir dhùbh-ghorm
Tighinn dlùth don t-slait-bheòil.
'S e 's fasan don à rmann
Bhith falbh anns gach à ite,
Le ghillean 's le bhà ta
Bha à lainn 's gach dòigh.
Tha ùbhlan nad ghà rradh
Agus peuran a' fàs ann,
Tha do chrodh air bhà rr fà saich
'S tha do bhà ta fo sheòl.
Sguiridh mise gad iargain
Bho nach fhaigh mi thu 'm bliadhn',
Ach seo mo là mh nach mi chiad tè
Fhuair briathran do bheòil.

Rugadh Mà iri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Mà iri NicAonghais / Learn more about Mà iri NicAonghaisRugadh Mà iri "Denny" NicDhòmhaill ann an Eòlaigearraidh, ann am Barraigh, air 13 Giblein, 1942. B' e Dòmhnall Iain 'ic Ruairidh agus Sìne Ruairidh Iain Bhà in, ...
Fiosrachadh air Mà iri NicDhòmhnaill / Learn more about Mà iri NicDhòmhnaillCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.