Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Moireasdan agus air a sheinn le: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais agus iain m. mà rtainn.
This is a song written by: Dòmhnall Moireasdan and sung by: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais and iain m. mà rtainn.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
FÃ ilte gu fearann air balaich an iasgaich
Iomradh is tarraing is gearradh a' bhiathaidh,
Coma leam leabaidh no cadal no biadh
Gum faigh mi mo lìon an òrdugh.
BÃ taichean Gallach a' gearradh an t-siabain,
Biotadh gu caladh an aghaidh sruth lìonaidh,
BÃ taichean biorach aig Nisich is Siaraich
Fada mun iar air Rònaigh.
Tha 'n geamhradh cho fada 's an gaillean cho cruaidh,
Droch shìde le cabhadh, clach-mheallain is fuachd,
Cha mhòr tha chur-seachad aig balaich 'an Ruaidh
Ach cèilidh is bualadh eòrna.
Thig an Fhèill Phà raig mum pà igh sinn na fiachan
Ri dorghach nam biorach air slios an Taoibh Siair;
Tha prìs air an langainn an Sasainn am bliadhna
'S gheibh mi mo lìon an òrdugh.
Bidh riasladh is mà ladh air rà mh agus cliabh
Gun iaradh no tà mh eadar à iteach is lìon;
Thug Cailean a là mh dhomh nam pà igheadh an t-iasg
Gu faodainn Cairistìona phòsadh.
'S i leabaidh as fheà rr leam na gà bhadh nan tonn
Tha plaide mo mhà thar 's mo là mh fo mo cheann,
Nas fheà rr na bhith lapadh ri fasgadh nan crann
Ag èisteachd ri srann nan ròpan.
Siud agaibh na balaich nach gearain air cruadal,
Sìnt' air a' bhalaist gun pheallaig mun uachdar;
Còignear no seisear 's an lethcheann air cluasaig,
Ulpagan cruaidhe Cheòsan.
Nuair thig sinn à Gallaibh 's a thogar am bà rr,
Bheir bùth Sheumais Chaluim dhuinn preasain air dhà il;
Bidh dùil 'am bho Chailean ri feannag no dhà ,
'S bheir m' athair a' phà irc is bò dhuinn.
Nam faighinn Cairistìona chan iarrainn a-chaoidh
Ach bothan beag riabhach is sìoman mu dhruim
Sabhal is bà thach is stà bhag bò-laoigh,
Gearran beag donn is òisgean.

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais ann am Baile Ghobhainn, ann an Glaschu, ach 's ann am Bragar air taobh Siar Leòdhas a thogadh ...
Fiosrachadh air An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais / Learn more about An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghaisCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.